FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Tubaist Clutha Tubaist Clutha

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Tubaist Clutha

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Fhuair an rannsachadh air tubaist heileacoptair a’ Clutha nach tug am pìleat feart air rabhaidhean gun robh ìre a’ chonnaidh ìosail. Thuirt an t-Àrd Sìorraidh, Craig Turnbull, gur e sin, gu sìmplidh, a dh’adhbhraich an tubaist agus nach biodh e air tachairt nam biodh an Caiptean Daibhidh Traill air na modhan-obrach ceart a leantainn. Chaochail deichnear nuair a thàinig heileacoptair a-nuas tro mhullach an taigh-seinnse san t-Samhain dà mhìle ’s a trì deug. Tha cuid de chàirdean den fheadhainn a bhàsaich feargach, ge-tà, mu cho-dhùnaidhean an rannsachaidh. Tha Niall Bartlett ag aithris.

[Niall Bartlett] Tha mi an seo aig làraich an Clutha, a-nis faisg air sia bliadhna bhon tubaist anns an deach deichnear a mharbhadh. Anns an dà bhliadhna mu dheireadh tha rannsachadh air a bhith an sàs gus ionnsachadh ciamar dìreach a thachair an tubaist, agus an-diugh chaidh aithisg an rannsachaidh fhoillseachadh.

[Niall Bartlett] Seo aodannan an deichnear a chaill am beathannan air oidhche na tubaiste. Bha na teaghlaichean aca am measg nam feadhainn bhon cuala an rannsachadh fianais, a thuilleadh air eòlaichean agus cuideachd daoine a bha an làthair aig an tubaist.

[Niall Bartlett] Anns na co-dhùnaidhean aige, thuirt an Siorram Turnbull nach robh teagamh aige gur e pìleat an heileacoptair, Daibhidh Traill, as coireach airson an tubaist, leis nach tuig e aire do na còig rabhaidhean) a fhuair e fhad ’s a bha e a’ sgèith. Dh’adhbhraich an gainnead connaidh air an einnsean fàileadh, agus a-rèir an t-siorraim seo rud nach biodh air tachairt nan robh am pìleat air dòighean-obrach àbhaisteach a leantainn. Ach ’s e sin co-dhùnadh leis nach eil a h-uile duine riaraichte. Tha cuid den bheachd nach bu chòir don choire a chur air maighstir Traill, agus nach eil an rannsachadh air coinneachadh ris an dleastanas a bh’ aige ris na teaghlaichean.

[Duine] Just to say the Crown’s performance at the FAI was at best inept, you know. They treated the witnesses with a feather duster. They didn’t even go into detail about it. I didn’t feel at all represented. I think the Crown was just what are the FAI was supposed to do, you know. But what’s happened today, if you want, for a better word, for the truth or justice for the families to find out what had happened, they’re never ever going to find out now, you know, with that conclusion from Sheriff Turnbull.

[Niall Bartlett] Chuir an t-Siorram impidh air cho iongantach ’s a bha suidheachadh na tubaiste, agus e ag ràdh gun robh e neo-chreidsinneach gum b’ urrainn a leithid tachairt a-rithist, fiù ’s às aonais nan ceum sàbhailteach ùr a chaidh a chur an cèill ri linn na tubaiste.

[Bill Innes] The duilgheadasan mu dheidhinn heileacoptar. Cha robh e còir gun tachradh gu bràth gun stadadh an dà einnsean cho faisg air ri chèile, ach mar a tha mi a’ tuigsinn chùisean, cha do rachadh aon einnsean a-mach à connadh. Bha còir aig an siostam air gu leòr de chonnadh a bhith aca airson ’s gum maireadh an dàrna einnsean airson ùine gu leòr airson an heileacoptar a chur sìos air an talamh. Ach bha am pìleat a’ smaointinn gun robh rudeigin ceàrr air na bha e a’ faicinn. Bhiodh e ag ràdh ris fhèin “uill, ged a stadadh aon einnsean bidh am fear eile a’ dol fada gu leòr airson gum faigheadh sìos gu talamh tròcaireach.

[Niall Bartlett] Rinn an t-Siorram moladh air iadsan a bha an sàs anns an rannsachadh, is e ag aithneachadh gun robh am beathannan air atharrachadh gu tur. Niall Bartlett, BBC An Là, Glaschu.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!