FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new development plan on the west side of Lewis Plana leasachaidh ùr air taobh siar Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Plana leasachaidh ùr air taobh siar Leòdhais

[Innes Rothach – Neach-aithris] 'S iad cothroman cosnaidh agus taighean do dhaoine òg’ prìomh amasan plana leasachaidh a chaidh a dhealbhachadh le deich bailtean air taobh siar Leòdhais.

[Innes Rothach – Neach-aithris] Chaidh beachdan dhaoine o Dhail Mòr gu Gearraidh na h-Aibhne a shireadh airson am plana, agus na coimhearsnachdan an dòchas, le bhith ag obair còmhla, gum bi cothrom nas fheàrr aca air taic-airgid. Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] ’S e Càrlabhagh fear de na deich bailtean a rinn plana eatarra, a chùm maith an ochd ceud duine a tha a’ fuireach an seo. agus cosnaidhean, tha buannachd a bharrachd fhaighinn à turasachd na amas agus sia fichead mìle duine a’ tighinn gach bliadhna a dh’fhaicinn Na Gearranan, Dùn Chàrlabhaigh agus Tursachan Chalanais.

[Coinneach MacIllinnein] Tha sinn a’ faicinn g’ eil barrachd dhaoine tighinn bliadhna air bhliadhna, a’ tighinn gu na rudan a th’ againn ann an sheo. Ach airson a’ cheist ud a fhreagairt, chan eil sinn a’ dèanamh gu leòr. Ach tha sinn an dòchas ri linn an oighreachd agus ri linn is dòcha am plana a tha seo fhèin a chur air chois gum faic sinn tòrr a bharrachd de rudan a’ tighinn air adhart gu h-àraid a thaobh turasachd agus, eil fhios agad, chan e a-mhàin turasachd ri linn far am bi duine a’ tighinn a choimhead air rudan a th’ againn ach gum fuirich daoine anns an sgìre againne airson latha neo dhà neo trì làithean ’s gum faic daoine air obraichean is cosnaidhean fhaighinn ri linn sin.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Tha dà thrian dhen sgìre fo shealbh poblach agus thàinig na diofar bhuidheann coimhearsnachd còmhla airson am plana a dhealbh le Urras Oighreachd Chàrlabhaigh os cionn na h-obrach.

[Dòmhnall MacFhionghain] Really the plan’s about creating a good place to, a great place to live, work and visit. And it’s about creating opportunities for local people, jobs, giving people a chance to live here so about providing a variety of different types of good quality housing and opportunities for people to access land, to access crofts and also develop our assets around tourism, and our natural environment.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Am measg eile, bidh iad a’ sireadh airgead airson an togalach seo ùrachadh ach tha iad ag aithneachadh nach eil e cho furasta agus a bha maoineachadh fhaighinn. Tha beachd gu bheil cothrom nas fheàrr soirbheachadh le bhith tagradh còmhla.

[Sally Reynolds] Tha sinn ann an phase ùr an-dràsta agus an rud a tha mise a’ smaoineachadh, feumaidh a h-uile duine ag obair còmhla, feumaidh a h-uile buidheann ag obair còmhla anns a’ choimhearsnachd. Is e sin a tha cho math mu dheidhinn a’ phlan’, tha e a’ toirt a h-uile duine a-steach agus a h-uile duine ag obair còmhla is chan eil airgead ann mar a bha, ach feumaidh sinn ag obair còmhla is faighinn na pìosan beaga a tha ann fhathast. Tha sinn ag iarraidh daoine òg a’ fuireach ann an seo, ag obair ann an seo agus a bhith toilichte ann an seo.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Bho chionn linntean mòra, thàinig daoine còmhla an seo airson na tursachan an seo ann an Calanais a chur an àirde. A-nis, tha muinntir an àite a’ tighinn còmhla aon uair eile airson coimhearsnachd a stèidheachadh a bhios a’ cheart cho seasmhach. Eilidh NicLeòid, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!