FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new reading scheme is launched Sgeama leughaidh ùr ga cur air bhog

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Sgeama leughaidh ùr ga cur air bhog

[Angela NicIlleathain – Neach-aithris] Chuirear sgeama ùr air dòigh ann an Inbhir Nis, a tha a’ toirt leughadh agus ball-coise còmhla. Tha dùbhlan-leughaidh an ceithir-an ceithir-a dhà [4-4-2] a' brosnachadh chloinne leabhraichean a leughadh, le bhith a' tabhann tiocaidean geamaichean ball-coise an-asgaidh dhaibh. Thòisich an sgeama an-uiridh, ach seo a' chiad uair a tha a' Ghàidhlig air a bhith mar phàirt dheth. Tha Ruairidh MacÌomhair ag aithris.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-naidheachd] Aoighean sònraichte aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an-diugh. Aon dhiubh a bha uaireigin gu math ainmichte san sgoil. Tha Roddy MacGriogair an-diugh a’ cluich airson Caley Thistle Inbhir Nis. Ach bha e air ais aig a sheann bhun-sgoil airson sgeama ceithir-ceithir- a dhà [4-4-2] a chur air bhog.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-naidheachd] Bhon a’ phròiseact, tha sgoilearan a’ faighinn tiocaid saor an-asgaidh airson geama ball-cois’, nuair a tha iad air ceithir leabhraichean a leughadh.

[Rosemary Ward] ’S e sgeama air leth a’ th’ ann, rud sam bith a tha a’ toirt air clann a bhith a’ leughadh agus tha sinn air leth toilichte a bhith an seo ann an Inbhir Nis ann an Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an-diugh air sàillibh, tha fios againn uile mar as motha a nì clann leughadh sgeulachdan is mar as motha a chluinneas iad sgeulachdan, ’s ann as fhileanta a dh’fhàsas iad agus tha mi a’ smaoineachadh rud sam bith a tha a’ cur ri fàs, mar gum biodh na comasan Gàidhlig aca, ’s e as fheàrr.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-naidheachd] Tha am pròiseact mar-thà air a bhith gu math soirbheachail anns a’ Bheurla le còrr is fichead mìle sgoilear a’ gabhail pàirt anns a’ chiad bhliadhna. Tha diofar bhuannachdan na lùib son balaich agus clann-nighean, mar a tha Roddy a’ mìneachadh.

[Roddy MacGriogair] ’S dòcha, mar eisimpleir, cha bhi na nigheanan a’ dol gu na geamaichean ball-coise cho tric agus ’s dòcha nach bi mar na gillean, cha bhi iadsan a’ leughadh cho tric so tha e dìreach a’ ceangal na dà rudan agus dìreach a’ toirt air barrachd chothroman airson a’ chlann really.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-naidheachd] Tha Bòrd na Gàidhlig a’ cur taic ris a’ phròiseict am-bliadhna. Thathar a’ faicinn leithid de sgeamaichean deatamach a thaobh leasachadh na Gàidhlig.

[Eòghan Stiùbhart] Tha e uabhasach fhèin cudromach, tha ball-coise agus spòrs san fharsaingeachd cho cudromach gu ar comann sòisealta agus mar sin, ma tha sinn ag iarraidh coimhearsnachdan Gàidhlig làidir, feumaidh sinne coimhearsnachdan spòrs làidir a bhith ann na lùib cuideachd. Mar sin, tha pròiseactan den leithid seo uabhasach fhèin cudromach dha obair leasachaidh a tha an amharc den Bhòrd.

[Ruairidh MacÌomhair – Neach-naidheachd] Tha dòchas ann ma-thà gum brosnaich an sgeama seo sgoilearan gus barrachd leabhraichean a leughadh agus ’s dòcha gum faigh cuid de sgiobaidhean ball-coise luchd-leantainn ùra cuideachd. Ruairidh MacÌomhair, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!