FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new tourism campaign in Lewis Iomairt thurachsachd ùir ann an Leòdhais

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2019.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2019.)

Video is playing in pop-over.

Iomairt thurachsachd ùir ann an Leòdhais

[Innes Munro – Neach-aithris] Bidh na mìltean luchd-turais a' tadhal air Ceann a Tuath Leòdhais gach bliadhna a choimhead air Taigh-solais Rubha Robhanais. Tha Urras Ghabhsainn, leis a bheil an oighreachd, a-nis a' sireadh dhòighean airson an cumail san sgìre beagan nas fhaide. Leis an sin, tha iad ag ullachadh làraich-lìn a dh’innseas do luchd-turais mu na seallaidhean, na goireasan agus na h-àiteachan-bìdh a tha Ceann a Tuath Leòdhais a' tabhann. Tha Eilidh NicLeòid ag aithris.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Tha Oighreachd Ghabhsainn a’ dol bho Bharbhas Uarach suas gu Ceann an Tuath Leòdhais agus tha an t-urras coimhearsnachd a tha a-nis an urra ri leasachadh ann a’ cruinneachadh fiosrachaidh mun a h-uile goireas, annas agus àite tarraingeach do luchd-turais agus do mhuinntir an eilein a thig ann.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] ’S e fear dhe na h-àiteachan as tarraingiche do luchd-turais ann an Ceann a Tuath Leòdhais, Rubha Robhanais ann an fìor Cheann a Tuath an eilein agus far a bheil an taigh-solais ainmeil. Tha an t-Urras a’ tomhas gum bi mu thrì fichead agus a deich mìle duine a’ tighinn an seo gach bliadhna. Tha sin glè mhath, tha iad ag ràdh ach tha iad airson ’s gu fan iad rud beag nas fhaide anns an sgìre.

[Shona Nic a’ Mhaoilein Urras - Oighreachd Ghabhsainn] Tha sinn air liostaichean a dhèanamh air àiteachan far am fuirich sibh, àiteachan far an ith sibh, àiteachan far an tèid sibh dhan bhùth ’s rudan a cheannaicheas sibh agus beagan eachdraidh a dhèanamh air ar sgìre cuideachd agus bidh a h-uile càil a tha sin ri fhaotainn air an làrach-lìn ùir a tha seo agus ’s e obair choimhearsnachd a th’ ann, fhuair sinn tòrr fiosrachaidh bhon a’ choimhearsnachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Am measg nam buidhnean sin, tha Comann Eachdraidh Nis, air ùr-sgeadachadh, far am faighear biadh agus eòlas eachdraidheil, gun luadh air rud a tha a’ còrdadh gu mòr ri luchd-tadhail, tha e coltach, àite far a bheil coimhearsnachd Ghàidhlig sean agus òg fhathast làidir agus ’s e an òigridh a tha a’ sgaoileadh na teachdaireachd mu thurasachd.

[Donna Dorris – Comann Eachdraidh Nis] Rinn sinn bhidio goirid còmhla ri clann an sgìre mu dheidhinn na tha ri fhaicinn ’s ri dhèanamh ann an sgìre Cheann a Tuath Leòdhais agus tha am bhidio a tha sin deich mionaidean a dh’fhaid agus tha e gu bhith a’ cluich anns an taigh-tasgaidh againn air sgrìon airson luchd-turais agus tha bhidio anns a’ Ghàidhlig agus tha fo-thiotalan anns a’ Bheurla gu bhith ann cuideachd airson a h-uile duine a tha a’ tighinn a-steach dhan a’ Chomann Eachdraidh gus am bi fios ac’ dè na goireasan mìorbhaileach a tha anns an sgìre againn agus gam brosnachadh a thighinn air ais air ais.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Tha iomairt ùir ann a tha brosnachadh dhaoine thighinn chun an eilein air fad anns a’ gheamhradh. Gheibh iad fhathast fàilte bhlàth ge bith dè seòrsa sìde a bhios ann.

[Shona Nic a’ Mhaoilein Urras - Oighreachd Ghabhsainn] Dha-rìribh, tha sinn air an aon dhaoine a thàladh gu bhith a’ tighinn an seo àm sam bith dhen a’ bhliadhna. Dh’fhaodadh tu tighinn às t-samhradh an shaoil thu gum biodh grian ann, boillsgeadh grèine is gum biodh turadh ann anns an t-seachdain anns a bheil thu an seo, ach tha uimhir de rudan ann ri fhaicinn a tha àlainn ann an aimsir sam bith.

[Eilidh NicLeòid – Neach-naidheachd] Eilidh NicLeòid, BBC An Là, ann an Ceann a Tuath Eilein Leòdhais.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!