FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A weather forecast Tuairmse sìde

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Tuairmse sìde

[Joy Dunlop - Preseantair] Feasgar math dhuibh uile. Uill, abair gur ann gruamach a bha i an-diugh, gu h-àraidh gu tuath agus gu siar. Ged a chunnacas greisean grèine aig amannan gu sear. A’ coimhead air adhart ris an t-seachdain a tha ri teachd agus ’s ann caochlaideach a bhios i. Aimsir fhiadhaich air an t-slighe, gu h-àraidh Dimàirt, nuair a bhios a’ ghaoth a’ sìor neartachadh.

[Joy Dunlop – Preseantair] A-nochd ge-tà, oidhche sgòthach a bhios ann anns a’ chumantas, an t-uisge trom agus leantainneach seo a’ dèanamh a shlighe a-nìos gu ruige na h-eileanan mu thuath. Ach anns an fharsaingeachd, mairidh na turadh, smugraich uisge gu siar agus seallaibh air an teothachd, chan ann fuar a bhios i idir, ged a bhios a’ ghaoth a’ neartachadh.

[Joy Dunlop – Preseantair] ’S mar sin madainn a-màireach, toiseach tòiseachaidh, tioram ach sgòthach a bhios ann ach an t-uisge trom agus leantainneach seo a’ tighinn a-staigh gu siar agus a’ dèanamh a shlighe tron dùthaich air fad is mar sin, madainn fhliuch a bhios ann dhuinn uile aig amannan.

[Joy Dunlop – Preseantair] Air cùlaibh sin ge-tà, chithear greisean matha grèine agus fhathast corra fhras a bhios a’ crochadh gu h-àraidh air taobh siar na dùthcha. Dh’fhaodadh na frasan seo a bhith geamhradail air talamh àrd ach bidh greisean grèine rim faicinn agus neartachaidh a’ ghaoth gu h-àraidh anns na h-eileanan mu thuath agus Siar far an ruigidh neart gèile neo ’s dòcha fìor neart gèile.

[Joy Dunlop – Preseantair] Agus a’ gluasad air adhart gu ciaradh an fheasgair agus an ath-oidhch’, an t-uisge agus na frasan seo a’ dèanamh às, a’ fàgail oidhche thioram anns a’ chumantas ach tha a’ ghaoth a’ dol a neartachadh uair eile agus mar a chì sibh an seo Dimàirt aimsir gu math fiadhaich an t-slighe ’s i fliuch agus cuideachd agus gaothach agus ’s ann air sgàth sin a tha Oifis na Sìde air dà rabhadh bhuidhe a ghairm airson ghèiltean anns an dà sgìre seo bho chòig uairean anns a’ mhadainn ach ’s ann gaothach a bhios i dhuinn uile.

[Joy Dunlop – Preseantair] Fliuch cuideachd, an t-uisge leantainneach agus trom seo a’ gluasad tron dùthaich agus gu dearbh dh’fhaodadh seo buaidh a thoirt air siubhal, chan ann fuar a bhios i a’ faireachdainn ge-tà, an teothachd a’ ruigsinn sia Celsius deug ann an corra àite ach gu dearbh ’s ann gaothach a bhios i, oiteagan làidir gaoithe a’ teannadh faisg air ceithir fichead mìle anns an uair. Oidhche mhath leibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!