FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Highland Council searching for money to develop the area Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh airgead airson leasachadh na sgìre

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Comhairle na Gàidhealtachd a’ sireadh airgead airson leasachadh na sgìre

[Innes Rothach – Neach-aithris] Feuchaidh Comhairle na Gàidhealtachd ri barrachd ionmhais fhaighinn airson stad a chur air crìonadh sluaigh anns a’ cheann a tuath agus cuideachd airson rathaidean na sgìre a chàradh gu ceart. Tha ceannard na comhairle, Mairead NicDhàibhidh, a’ sireadh choinneamhan le Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus ag iarraidh aonta maoineachaidh ùr, coltach ris an aonta baile a fhuair Inbhir Nis airson piseach a thoirt air pàirtean eile den a’ Ghàidhealtachd. Bhruidhinn mi ris an tè-naidheachd againne, Magaidh NicFhiongain, agus mhìnich i dhomh na pròiseactan a chaidh am maoineachadh fo aonta bhaile Inbhir Nis.

[Magaidh NicFhiongain – Neach-naidheachd] Uill, seo Caisteal Inbhir Nis air mo chùlaibh agus an-dràsta, tha Taigh na Cùirte am broinn an togalaiche seo agus tha iadsan a’ dol a bhith a’ gluasad a-mach às an ceann dà mhìos. Tha iad a’ gluasad gu togalach ùr, spaideil, shìos air Rathad an Longman agus aon uair ’s gu bheil iadsan a-mach, tha seo a’ dol a bhith faighinn sgeadachadh agus sgioblachadh agus tha e a’ dol a bhith ga chleachdadh mar àite airson ealain agus cultair agus sin am-measg cuid dhe na rudan a fhuair airgead às an aonta baile. Cuideachd chaidh Rathad, Cearcall Rathad an Longman a chur air adhart cuideachd, a chionn ’s an-dràsta, uaireannan, tha e caran duilich a thaobh cus trafaig agus tha iad a’ bruidhinn mu dheidhinn flyover a chruthachadh ann an shin son cuisean a dhèanamh nas fhasa, son daoine a’ tighinn far Drochaid Kessock agus a-staigh dhan a’ bhaile. Cuideachd, tha iad ag obair air rathad taobh sear a’ bhaile agus tha iad ag obair air ionadan airson companaidhean a chur air dòigh aig seann làrach sgudail an Longman. Nis, sin pròiseactan ann an Inbhir Nis agus bha cuid dhe dhaoine ag ràdh gun robh cus air a chur air dòigh airson Inbhir Nis agus nach robh sìon airson na sgìrean taobh a-muigh a’ bhaile.

[Magaidh NicFhiongain – Neach-naidheachd] Dè ma-thà a tha ceannard a’ chomhairle a’ moladh airson na sgìrean taobh a-muigh Inbhir Nis?

[Magaidh NicFhiongain – Neach-naidheachd] Uill, tha Mairead NicDhàibhidh mothachail air a’ chrìonadh sluaigh a tha a’ dol air feadh na Gàidhealtachd, ach gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach agus tha ise airson ’s gum bi cosnaidhean air an cruthachadh air an àitean gu h-àraidh ann an ceann a tuath na dùthcha. Seo statistic dhut, Innes, can ann an Gallaibh, an ceann fichead bliadhna, tha crìonadh sluaigh de fhichead per cent a’ dol a bhith againne. Nis, tha tòrr an sin, agus mar sin, feumaidh a’ chomhairle rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn agus tha ise a’ bruidhinn cuideachd mu dheidhinn ionad niùclasach Dhùn Ràth. Nis, mar a tha fhios againn, tha decomisineadh a’ dol an sin an-dràst’ ach bha cosnaidhean math’ ri fhaighinn ann an shin is tha ise ag iarraidh, rudan, cosnaidhean math’ a bhith anns na sgìrean iomallach sin. Bha i cuideachd a’ bruidhinn mu dheidhinn rathaidean, mar a tha fhios againn, ma tha thusa a’ dràibheadh ann an àite sam bith air a’ Ghàidhealtachd, tha na rathaidean gu math dona ann an cuid de sgìrean agus aig an ìre-sa, feumaidh a’ chomhairle dà cheud millean not a chosg air obair càraidh air na rathaidean. Is mar sin, tha iad feumach air tòrr airgid agus mar sin, tha ise a’ dol a bhruidhinn ri Riaghaltas Westminster agus Riaghaltas Holyrood airson feuchainn ri toirt orra beagan a thoirt dhi. Nis, ’s e a’ cheist am faigh i èisteachd agus gu h-àraidh le comhairlean eile air feadh na dùthcha leis an aon seòrsa duain.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!