FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather An t-sìde

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An t-sìde

[Sarah Cruickshank] Feasgar math dhuibh. Uill, latha gruamach agus gu math bog do mhòran againn an-diugh le uisge air sgaoileadh sear tron dùthaich, tron fheasgar an-diugh agus coltas gu math glas air an adhar mar a chì sinn an seo. Agus seo is adhbhar dhen sin, bruthadh ìosal agus an siostam a tha seo air sguabadh sear. Tha i fhathast faisg air làimh airson na h-oidhche a-nochd agus tuilleadh fhrasan ri thighinn san iar-thuath. Ach leis an sin èadhar nas fhuaire gu bhith a’ tighinn a-steach tron oidhche a-nochd agus an èadhar as blàithe air a bhith againn air na làithean a dh’fhalbh air phutadh a-mach. Mar sin, son oidhche a-nochd tioram do mhòran agus fo iarmailt shoilleir. Tha i gu bhith gu math nas fhuaire na tha i air a bhith le beagan reothaidh agus ma dh’fhaoidte beagan deighe far a bheil frasan air tuiteam tron latha.

[Sarah Cruickshank] Tuilleadh fhrasan ri thighinn san iar-thuath far am mairidh gaoth ach a’ ghaoth sin fhathast làidir a’ ruighinn neart gèile tarsainn air Sealltainn fhathast son na h-oidhche a-nochd agus gu math fuar mar sin son madainn a-màireach ’s i a’ tuiteam a’ tuiteam faisg air ìre reothaidh. Ach son iar-thuath na dùthcha, tuilleadh de fhrasan ri thighinn, a’ tionndadh geamhradail nuair a thig iad a-steach tarsainn talamh nas àirde, ach iad a’ gluasad deas tron fheasgar a-màireach agus a’ tòiseachadh air seargachadh.

[Sarah Cruickshank] Tuilleadh de dh’fhrasan ri thighinn mu iar-thuath na dùthcha ach nas luaithe gu bhith ann feasgar a-màireach, ach latha gu math fuar a bhios ann gu h-àraid an coimeas ris an latha an-diugh, ceithir gu ruige sia Celsius aig a’ char as àirde agus fhathast car gaothach tarsainn ceann a tuath na Gàidhealtachd suas a dh’ionnsaigh air na h-Eileanan mu thuath. Ach do mhòran latha gu math nas tiorama agus nas soilleire cuideachd. ’S e a’ faicinn boillsginn grèine a-nochd, ged a bhios na frasan a tha an seo a’ putadh nas fhaide deas son deireadh an latha , son . Tha iad sin gu bhith a’ sìoladh às agus an uair sin, oidhche thioram eile a bhios againn airson Oidhche Haoine le dìreach beagan fhrasan a’ leantainn san iar-thuath.

[Sarah Cruickshank] Mun àm a’ ruige sinn Disathairne, ’s e beagan gaoithe glainne gu bhith a’ tòiseachadh air èirigh tarsainn air an dùthaich, an isobars fhathast teann ri chèile mu thuath, a’ chiad char madainn Disathairne ach tron deireadh-sheachdain bruthadh àrd a’ ciallachadh gu bheil cuisean gu bhith a’ socrachadh.

[Sarah Cruickshank] Mar sin, madainn Disathairne beagan fhrasan a bhios geamhradail againn fhathast ach san fharsaingeachd latha glè mhath a bhios ann, bidh an ìre mhath tioram le greisean matha grèine ach faireachdainn fuar fhathast, dìreach còig- sia Celsius aig a’ char as àirde ach cha bhi e buileach cho gaothach ’s a tha i air a bhith air na làithean a dh’fhalbh. Oidhche mhath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!