FaclairDictionary EnglishGàidhlig

400 years since Greyfriars Kirk was established 400 bliadhna on a chaidh Eaglais nam Manach Liath a stèidheachadh

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

400 bliadhna on a chaidh Eaglais nam Manach Liath a stèidheachadh

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan – Neach-aithris] Tha Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann a’ comharrachadh ceithir cheud bliadhna bhon a chaidh i a steidheachadh. Thathar air a bhith a’ cumail sheirbheisean Gàidhlig san Eaglais gach Sàbaid airson iomadh bliadhna. Thèid sreath de thachartasan a chumail airson a’ chlach-mhìle a chomharrachadh, leithid cuirmean, fèisean agus filmichean. Thadhal Caitriana Deeprose air an Eaglais dhuinne.

[Caitriana Deeprose – Neach-naidheachd] ’S dòcha gu bheil Bobby nas ainmeile na Eaglais nam Manach Liath fhèin. Thèid sreath de thachartasan a chumail am-bliadhna gus ceithir cheud bliadhna a chomharrachadh.

[An t-Oll Dtr Richard Frazer] It’s 400 years since Greyfriars was opened for business, if you like, in 1620. It was actually on Christmas Day in 1620. And during those 400 years, we’ve seen the development of modernity, the development of the modern world, development of democratic institutions and a lot of those ideas of democracy and representative democracy have their roots in the reformed tradition in the Church of Scotland where the idea of individual human rights and individual conscience that matters was celebrated and taken seriously by the reformers and also by the covenanters. And in 1638, the National Covenant was signed and that was almost like the first declaration of the universality of human rights.

[Caitriana Deeprose – Neach-naidheachd] ’S e eaglais gu math sònraichte a tha seo dha na Gàidheil is seirbhisean Gàidhlig fhathast ga chumail gach Là na Sàbaid. An aon eaglais air tìr-mòr na h-Alba far a bheil sin a’ tachairt.

[Matthew MacÌomhair] Seo an eaglais anns a bheil coitheanal Gàidhlig Dhùn Èideann a’ coinneachadh a h-uile Sàbaid agus tha coitheanal Gàidhlig air a bhith a’ coinneachadh ann an Dùn Èideann a h-uile Sàbaid bho chionn dà cheud gu leth bliadhna. ’S e sinne an aon choitheanal, a-nise, a tha mi a’ tuigsinn air tìr-mòr ann an Alba aig a bheil seirbhis Gàidhlig a h-uile seachdain agus chan eil mòran anns na h-Eileanan aig a bheil na seirbhisean a h-uile seachdain cuideachd. So, tha mi smaointinn gu bheil e cudromach, chan e a-mhàin a bhith a’ tighinn an seo ach a’ toirt taic dhan Eaglais anns an dòigh anns a bheil iadsan a’ toirt taic dhuinne.

[Caitriana Deeprose – Neach-naidheachd] Tha dòchas ann gun tèid tachartasan Gàidhlig a chumail cuideachd. Caitriana Deeprose, BBC An Là, Dùn Èideann.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!