FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather An t-sìde

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An t-sìde

[Sarah Cruikshank] Feasgar math dhuibh. Uill, thàinig piseach air an aimsir tron latha an-diugh, adhair brèagha gorm againn mar a chì sinn air mo chùlaibh ann an cuid de sgìrean air sgàth ’s gu bheil a’ ghlainne air a bhith ag èirigh, bruthadh àrd againn son greiseag a-nochd ach an uair sin bruthadh ìosal an seo a’ tighinn a-steach son an latha a-màireach, a’ tionndadh cùisean gu math mì-chàilear.

[Sarah Cruikshank] A-nochd ge-tà, tha i a’ tòiseachadh tioram, greisean fada de dh’iarmailt shoilleir againn a’ ciallachadh gu ’eil reòthadh gu bhith ann fad’ is farsaing, tràth dhen oidhche a-nochd is i a’ tuiteam fo ìre reòthaidh do mhòran againne, fiù ’s cho ìosal ri seachd fo ìre reòthaidh ach ro mhadainn a-màireach a’ ghaoith gu bhith ag èirigh ’s an teothachd gu bhith ag èirigh agus uisge air an rathad a-steach.

[Sarah Cruikshank] Leis an sin, rabhadh buidhe againn bho Oifis na Sìde son sgìrean tarsainn ceann na deas na dùthcha, leis cho trom agus cho leantainneach ’s a bhios an t-uisge seo tron latha a-màireach. Agus a bharrachd air an t-uisge a bhios a’ tuiteam, sneachda cuideachd gu bhith leaghadh agus tha sin ag adhbharachadh gum bi mòran uisge a’ laighe air rathaidean is eile tron latha a-màireach. Mar sin son feasgar a-màireach beagan de thuradh gu bhith tighinn tarsainn sgìrean far a bheil i air a bhith gu math fliuch tron chiad leth den latha agus boillsgaidhean grèine a’ nochdadh ach tuilleadh fhrasan gu bhith againn a’ tighinn a-steach air an taobh siar agus maireachdainn fliuch tarsainn air na h-eileanan mu thuath ach latha ghaothach dhuinn uile, a’ ghaoth a tha sin làidir gu ruige neart gèile agus ’s e a’ faicinn tuilleadh fhrasan air am biathadh a-steach air an taobh siar gu ruige deireadh an latha Dihaoine.

[Sarah Cruikshank] An uair sin son Disathairne Stoirm Dennis ann nar cuideachd agus bruthadh ìosal a tha seo ag adhbharachadh gu bheil fìor dhroch shìde ri thighinn son an deireadh-sheachdain air fad. An isobars teann ri chèile a’ ciallachadh gum bi i gaothach agus rabhadh buidhe againn airson an dà chuid uisge trom agus gèiltean tro mheadhan agus ceann na deas na dùthcha, gu h-àraid airson Disathairne. Ach i gu bhith gu math mì-chàilear air feadh na dùtha. Gèiltean gu bhith a’ sèideadh do mhòran againn gu ruige fìor neart ghèile, suas a dh’ionnsaigh air iar-thuath na dùthcha is tarsainn na h-Eileanan Siar. ’S a bharrachd air neart na gaoithe, tha an deàrrsadh uisge gu bhith ann, an t-uisge mòr a tha seo gu bhith againn bho taobh siar gu ruige taobh sear na dùthcha tron latha, i trom agus leantainneach agus an teothachd mu thimcheall seachd neo ruigeadh naoi Celsius.

[Sarah Cruikshank] Agus an uair sin Là na Sàbaid, tha rabhadh buidhe eile againn air sgàth Stoirm Dennis leis cho trom is cho leantainneach ’s a bhios an t-uisge a-rithist agus neart na gaoithe gu bhith ag èirigh mar sin. Bithibh air ur faiceall tron deireadh-sheachdain ma tha sibh an dùil ri siubhail. Oidhche mhath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!