FaclairDictionary EnglishGàidhlig

John has new pals Tha caraidean ùra aig Iain

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Tha caraidean ùra aig Iain

[Iain] Mar as trice aig an àm seo dhen a’ bhliadhna, tha dà rud a’ dol agam: obair agus gàirnealachd.

[Iain] Chan e nach eil obair agam, tha. Ach chan eil oifis agam agus ’s dòcha gu bheil mi a’ dol às mo rian beagan ach tha mi air tòiseachadh air smaoineachadh air na rudan a tha a’ fàs agam mar cho-obraichean.

[Iain] Seo na French climbing beans, an-còmhnaidh agus an aodach a bu spaideile orra. Cha bhiodh iad riamh a’ tighinn gu lunch còmhla ri càch. Cha dèan mi a-mach an e fancy no nearbhasach a tha iad ach tha an Instagram aca an-còmhnaidh làn dealbhain ’s iad a-muigh còmhla ri caraidean eile a’ gabhail cocktails mar sin tha mi an amharas gur e fancy a th’ ann. Co-dhiù, dh’iarrainn fhathast gun tigeadh iad gu Greggs còmhla rium air latha brèagha air choireigin.

[Iain] An leatas bochd, tuilleadh agus deònach, an-còmhnaidh faighneachd airson obair a nì iad. Ach às dèidh dhaibh am faidhle sin a chall air a’ mhìos sa chaidh, tha e doirbh rudan a lorg nach dèan iad bùrach dheth.

[Iain] À, na sùbhan-làir - òg, èasgaidh, làn fealla-dhà. Tha fhios agam gun robh iad a-muigh gu dà uair sa mhadainn a-raoir ach fiù ’s aig a sin, tha iad a’ coimhead frogail agus tha iad fhathast ann an sunnd.

[Iain] Na curranan, trì bliadhna tha iad air a bhith ann a sheo agus chan eil fhios agam air sgàth mun deidhinn. Cà’ bheil iad a fuireach? Cò leis? Dè tha iad a dèanamh às dèidh còig uairean? Chan eil sin a’ ciallachadh ge-tà nach eil iad a’ cur nan ceistean. Tha iad cho garbh fhèin nosy mun a h-uile duine eile.

[Iain] Na radishes, chan eil fhios aig duine sam bith dè tha iad a’ dèanamh no carson a tha iad ann, ach tha iad a’ canail halò anns an trannsa.

[Iain] Sin thu fhèin.

[Raidis] 'B’ fheàrr leam gum fàgadh an duine sin aig fois mi.'

[Leatas] 'Cò? Iain an gàirnealair?’

[ùbhan-làir] ‘Cò eile?’

[Curranan] ‘Iain bochd’

[French climbing beans] ‘Greggs aig uair?’

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!