FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Things Eilidh doesn’t understand Rudan nach eil Eilidh a’ tuigsinn

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Rudan nach eil Eilidh a’ tuigsinn

[Eilidh] Halò a h-uile duine, is mise Eilidh NicIain agus an-diugh tha mise a’ dol a bhith bruidhinn mu dheidhinn trends nach eil mi a’ tuigsinn. Tha mi dìreach airson cur a-mach ann a shin gun e seo na beachdan pearsanta agamsa agus ’s dòcha nach bi thu ag aontachadh leotha.

[Eilidh] Airson tòiseachadh a-mach, cofaidh a-mach à glainneachan. Nis, tha fios a’m gu bheil còir agad a bhith ag òl cofaidh fancy mar latte agus rudan mar sin ann an glainneachan fada, ach air feadh nam meadhanan sòisealta tha mise air a bhith a’ faicinn daoine ag òl cofaidh le deigh agus tha iad gan whiskeadh agus rudan mar sin. Agus chan eil e a’ dèanamh ciall dhomh. Dè tha ceàrr le cupa cofaidh a-mach à muga a tha blàth, le bainne no gun bhainne?

[Eilidh] Trì faclan dhut: aodach high vis. Carson a tha daoine a’ smaoineachadh gun e ‘fashion choice’ a th’ ann? Chan eil thu ag obair air building site, chan eil thu a’ togail an sgudail gach latha, so carson a tha thu a’ dol a-mach gu festivals agus rudan mar sin le aodach high vis ort? Chan urrainn dhomh ach smaoineachadh air aon benefit dhen aodach sin agus 's e sin nach call duine thu. Ach a bharrachd air sin, bidh daoine a’ smaointinn gu bheil thu ag obair aig an festival.

[Eilidh] Tron lockdown a tha seo, tha daoine air a bhith a’ cur dath san falt aca. Mar mi fhìn. Ach dè th’ ann le a bhith daoine a’ dèanamh parting mar seo, agus a bhith a’ cur dath eadar-dhealaichte air na dà phìos a tha seo? Nis, chan eil mi ag ràdh nach bu chòir dhut a bhith a’ cur dath san falt agad, ach dèan am falt gu lèir agad. Dè ceàrr le sin? Honestly, tha thu a’ coimhead mar gum bu chòir dhut a bhith ann an cartoon. Tha mi dìreach ag ràdh.

[Eilidh] Tha 2020 air a bhith craicte gu leòr gun na fashion statements agus na trends a tha seo ach chì sinn na tha ri tighinn. Ach airson an-dràsta, mar sin leibh!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!