FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ollie's birthday Cò-là breith Ollie

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cò-là breith Ollie

[Diane] Hi a chàirdean! ’S e co-là breith a' chù Ollie an-diugh agus tha e dà bhliadhna deug a dh’aois. Feumaidh sinn trì diofar rudan a dhèanamh an-diugh: a’ chiad rud, feumaidh sinn prèasant beag a lorg dha; an dàrna rud, ’s dòcha gum faigh sinn sgeadachadh air choireigin; agus an uair sin feumaidh sinn biadh sònraichte a thoirt dha airson a' cho-là breith.

[Diane] Dè do bheachd?

[Diane] Tiugainn ma-thà!

[Diane] Bidh sinn air ais!

[Diane] Ach, mus faigh sinn na prèasantan, feumaidh sinn cofaidh a thogail.

[Diane] ’S ann leamsa a tha seo agus seall!

[Diane] Seo an dèideag as fheàrr leis.

[Diane] Mach à seo.

[Diane] Seo uile na cheannaich sinn airson co-là breith Ollie.

[Diane] A’ chiad rud, bha sinn aig Starbucks agus seall na thug iad dhuinn, puppoccino!

[Diane] Denta Tubos dha, agus cheannaich sinn muc bheag cuideachd.

[Diane] Tha mi fhìn toilichte le sin, cha do cheannaich sinn sgeadachadh mar a bha mi air sùileachadh ach ’s e co-là breith cù a th’ ann. Gabh do shocair Diane. Tha sinn deiseil airson a’ dol air ais agus ar pàrtaidh beag a chumail dha Ollie.

[Diane] Dè th’ agam an seo dhut? Suidh sìos. Woah! Trobhad an seo leis, sin e. Cò th’ agad? Mr Muc!

[Diane] Meal do naidheachd an-diugh, meal do naidheachd an-diugh, meal do naidheachd Ollie! Meal do naidheachd an-diugh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!