FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Put your voice back in tune Cuir do ghuth air ais air ghleus

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Cuir do ghuth air ais air ghleus

[Mìcheal] Ok, ok, nì mi sin, ok, ok, cheers, cheers, tìoraidh, tìoraidh, bye, bye, bye, bye...

[Mìcheal] Bheil thusa ‘all zoomed out’ cuideachd?

[Mìcheal] Chan e a-mhàin gu bheil d’ inntinn sgìth leis, tha do ghuth cuideachd, a’ cabadaich fad an latha agus tu nad shuidh’ aig deasg.

[Mìcheal] Seo dhut cleas beag a chuireas do ghuth air ais air ghleus.

[Mìcheal] Tha saidheans a’ ghutha air dearbhadh gu bheil eacarsaichean far a bheil thu a dèanamh fuaim tro bheul leth-dhùinte gu math cuideachail le bhith a’ faighinn cuidhteas de theannachadh sam bith air a’ ghuth agus gheibh thu fuaim nas fallainne agus nas soilleire cuideachd.

[Mìcheal] Ciamar a nì thu seo? Gu dearbh le fuaimean gòrach. Smaoinich air rann no seantans agus dèan e air ‘bhhh’ no ‘zzz’ a-mhàin, car coltach ri einnsean càir. Dh’fhaodadh tu cuideachd bruidhinn no seinn le do làmh air do bheul.

[Mìcheal] Car neònach ’s dòcha, ach math airson a’ ghuth. Agus coibhneil do na nàbaidhean.

[Mìcheal] Mar eisimpleir, tha ‘ciamar a tha thu an-diugh’ a’ dol gu ‘bh bh bh bh bh bh bh’. Bidh tòrr ghluais air cùl na fuaime seo ach cha leig thu leas putadh, nì an eacarsaich an obair dhut. Feuch turas no dhà e, theirig air ais do na faclan, agus mothachaidh tu gu bheil do ghuth a’ faireachdainn nas làidire agus nas cofhurtail. ‘Bh bh bh bh bh bh bh... ciamar a tha thu an-diugh?’ Le seinn, tha an aon seòrsa rud ag obair. ‘Bhhhhhhh...’. ’S dòcha nach fhaigh mi am bonn òir airson sin ach bidh an dà chuid – mo ghuth agus mo nàbaidhean – toilichte agus taingeil.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!