FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Teaching at home in 2020 A’ teagasg aig an taigh ann an 2020

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A’ teagasg aig an taigh ann an 2020

[Somhairle] Halò a chàirdean. Is mise Somhairle MacDhòmhnaill agus tha mise air lèine is tàidh a chur orm airson a’ chiad turas ann an faisg air trì mìosan, airson feuchainn ri beagan de bheachd a thoirt dhuibh air cò ris a tha e air a bhith coltach do thidsearan a’ feuchainn ri an obair a dhèanamh bhon dachaigh aig àm a’ ghlasaidh.

[Somhairle] ’S e tidsear stiùiridh a th’ annamsa ann an sgoil mhòr air a’ Ghàidhealtachd anns a bheil barrachd na mìle sgoilear.

[Somhairle] Tha uallach ormsa airson barrachd na dà cheud gu leth dhiubh agus, mar as trice, bidh mi a’ cur seachad mo làithean, a bharrachd air a bhith a’ teagasg, le clann air mo bheulaibh no ann an coinneamhan le pàrantan no buill eile dhe na teaghlaich aca a’ feuchainn ri duilgheadasan sam bith a th’ aca, anns an sgoil no taobh a-muigh na sgoile, a rèiteachadh.

[Somhairle] Chanainn-sa gur e am pìos as cudromaiche dhe mo obair, ’s e conaltradh a tha ann. Conaltradh a bhrosnachadh agus a lìbhrigeadh eadar sgoilearan fhèin, eadar sgoilearan ’s na tidsearan, a’ toirt a-staigh cuideachd na teaghlaich, agus cuideachd daoine proifeiseanta bho sheirbheisean sam bith eile a bhios a’ bualadh air beatha a’ chloinne aig àm sam bith.

[Somhairle] Mar eisimpleir ’s dòcha a’ phoileas, seirbheisean slàinte no na seirbheisean sòisealta.

[Somhairle] Tha sin doirbh gu leòr ri dhèanamh nuair a tha e comasach dhuinn uile a bhith còmhla ann an rùm no ann an togalach fiù ’s.

[Somhairle] Ach tuigidh sibh, a’ feuchainn ri sin a dhèanamh on taigh gur e gnothach builleach eadar-dhealaichte a th’ ann.

[Somhairle] An gabh an obair seo a dhèanamh on taigh?

[Somhairle] Ag innse na fìrinn, an ìre mhath, gabhaidh.

[Somhairle] Ach tha rud no dhà ann a tha ga dhèanamh gu math doirbh.

[Somhairle] Gu h-àraid...

[Nighean] Tha an t-acras orm!

[Gille] Mise cuideachd!

[Somhairle] Gu h-àraid air sgàth 's gur e pàrant a th’ annam fhèin.

[Somhairle]’S e an rud a bha mi ag iarraidh canail ri na pàrantan a-nochd: na gabh cus dragh.

[Somhairle] Tha sinne a’ tuigsinn mar a tha e, tha e a’ tachairt dhuinn fhèin cuideachd.

[Somhairle] Chan eil mionaid a’ dol seachad far nach eil cuideigin a’ sabaid, a’ sgiamhail, a’ dol ann an stuirte, a’ briseadh rudeigin, ruith air falbh fiù ’s.

[Somhairle] Na gabh cus dragh mu dheidhinn an obair-sgoile aca.

[Somhairle] Nuair a thilleas na sgoiltean, lìonaidh na tidsearan beàrnan sam bith anns an eòlas aca ’s chan eil na beàrnan a tha sin cho dona ’s a tha sibh an dùil.

[Somhairle] Agus coimheadaidh sinn às an dèidh.

[Somhairle] Ach... dè an rud as motha a tha mi air ionnsachadh tron an seo?

[Somhairle] Uill, ’s e g’ eil mi den bheachd gu bheil tidsearan bun-sgoil airidh air tuarastal a tha fada, fada nas motha na tha iad a’ faighinn an-dràsta.

[Somhairle] Ceart, tha sin dheth... cuidhteas dhen tàidh a tha seo.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!