FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Another project in the garden Pròiseact eile sa ghàrradh

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme A-Staigh (Inside). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram A-Staigh

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseact eile sa ghàrradh

[Agnes] Aon phròiseact a bha mi uabhasach keen air a dhèanamh fhad ’s a bhiodh an samhradh a bha seo ann, ’s e raised bed a thogail. Far am b’ urrainn dhomh rudan a chur a-muigh a thuilleadh air na rudan th’ agam a’ fàs anns an tunail agus, aig an aon àm, a bhith na dhìon bho na rabaidean. Agus tha sinn air a sin a dhèanamh thairis air an t-seachdain ud, mi fhìn agus an sgioba a tha glaiste anns an taigh còmhla rium! Tha sinn air a togail dìreach air cùl an taighe ann a sheo. Agus lìon sinn e an toiseach le stuth a-mach às an todhar an eich a chunna sibh mi leis mar-thà. Stràbh a bh’ againn air fhàgail bho àm na caoraich a bhith breith.

[Agnes] Tha sinn cuideachd an dèidh ’s a’ cleachdadh seann, seann puist airson cur ris an staran timcheall oir’. Tha sinn an uair sin air an sin a lìonadh le morghan a’ chladaich so gum bi e furasta a dol timcheall oir’ le bara.

[Agnes] Tha sinn, h-uile càil againn a-nis deiseil. Chan eil càil ach planntraisean a lorg agus a chur. Agus tha mise an dòchas eadar seo agus foghar gu dearbha gum bi na chiad rudan againn a’ fàs innte.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!