FaclairDictionary EnglishGàidhlig

New egg business Gnìomhachas ùr uighean

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Gnìomhachas ùr uighean

[Sweeny] Tha cearcan agus tunnagan gu math furasta a làimhseachadh agus cò nach eil dèidheil air uighean? Tha iarrtas mòr ann airson nan uighean a tha mise a’ reic thairis air geata an lot agus tha seo air beachd a thoirt dhomh gnìomhachas ceart a dhèanamh dheth. Gu fortanach dhòmhsa chan eil duine eile a’ reic uighean gu h-ionadail ann an Leòdhas.

[Sweeny] An-dràsta tha mi an teis-mheadhan taigh-cearc a thogail a bhios freagarrach airson trì ceud gu leth cearc. ’S tha mi cuideachd a’ cur air dòigh àite sònraichte son uighean a chumail agus am pacadh deiseil son an reic.

[Sweeny] A-staigh anns an taobh seo ’s e am plana a th’ agam gur e seo an seòrsa reception a bhios ann airson An Lot. ’S ann ann an seo a bhios daoine a’ tighinn. Tha planaichean gu leòr airson a-staigh ann an seo, ach ’s e an rud as cudromaiche a thaobh nan uighean an-dràsta gu bheil sinc ann le bùrn agus so sin an handwash station so tha sin, tha sin ceart gu leòr. So an rùm seo tha obair fhathast ri dhèanamh ach an ath-dhoras tha mi a’ dol a bhith ga dhèanamh an greiseag mu dheireadh. ’S ann ann an seo a tha na h-uighean gu bhith air an cur ann am bucais.

[Innes] Tha e a’ dèanamh sense dhomha’ gu bheil e a’ dèanamh barrachd le na cearcan son caoraich na làithean-sa, tha e alright dìreach a dhà no trì a bhith agad airson feòil ’s rudan mar sin ach chan eil tòrr profitability ann agus chan eil tòrr sense a bhith ... cus caoraich a bhith agad na làithean-sa air an eilean gus a bhith ’s dòcha dà mhìle a bhith agad agus ... Ach le cearcan tha tòrr ... tha e a’ còrdadh ri daoine, tha iad a’ reic, tha iad a’ dol a-steach dha na bùithtean air feadh an eilein so tha mi a’ smaoineachadh bu chòir dha dèanamh barrachd le na cearcan. That makes sense to me.

[Sweeny] Tha bucais ann an sin son nan uighean. Fhuair mi – dè bh’ ann? – mìle ’s dà cheud bucas. Tha mi air àite a lorg far am faigh mi pallet le sia mìle bucas air ach a-rithist chan eil mi a’ dol a cheannach sin upfront son bha sin, bha sin daor. So cheannaich mi seo an-dràsta. Nì sin a’ chùis dhomh gus an tig airgead a-steach. Na labels, sin rud eile. Tha sin a’ dol a chosg ... bha mi a’ dol a dh’fhaighinn còig ceud delabel agus tha mi a’ smaointinn gun cosg sin còrr air trì ceud not dhomh. Còig ceud! Còig mìle label, tha mi duilich! So seven pence ’s dè tha siud, mu, chan eil fhios am, can five pence so bidh, dè tha sin, twelve pence anns a h-uile leth-dusan a’ dol ann an label, label agus bogsa, agus tha sin a’ dol leis a’ bhiadh, am feed. Tha mise a’ dol a reic son one pound fifty so gum bu chòir dha trì ceud ugh a bhith ann an seo a h-uile latha, gum bu chòir dha còrr air dà mhìle anns an t-seachdain, agus ceud mìle anns a’ bhliadhna. Give or take.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!