FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Joy An aimsir le Joy

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Là (The day). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An aimsir le Joy

[Joy] Feasgar math dhuibh a chàirdean.

[Joy] Uill, b’ ann gu siar a chunnacas a’ chuid as fheàrr den a’ ghrèin agus na speuran gorma an-diugh.

[Joy] Do mhòran eile bha i frasach, sgòthach, agus gu sear chunnacas cuideachd uisge trom agus leantainneach a’ gluasad a-staigh.

[Joy] Tha tuilleadh uisge air an t-slighe a-nochd agus a-màireach, agus ’s ann air an adhbhar sin a tha Oifis na Sìde air rabhadh buidhe a ghairm airson na sgìre seo, a mhaireas gu naoi uairean feasgar a-màireach, leis gum faodadh an t-uisge seo a bhith trom gu leòr gus tuiltean agus duilgheadasan siùbhail adhbharachadh.

[Joy] Airson greiseag a-nochd ge-tà mairidh an turadh, gu h-àraidh gu siar agus san iar-dheas. Ach mean air mhean, sgaoilidh an t-uisge seo a-nuas tron dùthach, cha mhòr ga còmhdachadh, is e cuideachd a’ tuiteam mar shneachd agus fhlin air talamh àrd, leis gur ann fuar a bhios e uair eile.

[Joy] An teothachd a’ tuiteam gu faisg air no fo ìre reòthaidh anns a’ chumantas, agus gu dearbh ’s ann a’ neartachadh a bhios a’ ghaoth, gu h-àraidh mu Na h-Eileanan Siar, Na h-Eileanan mu Thuath agus shìos chladaichean an taobh shiar, oiteagan làidir gaoithe an sin a’ ruigsinn neart gèile.

[Joy] Is mar sin, toiseach tòisichidh fuar, fliuch agus cuideachd sgòthach a bhios ann a-màireach. Latha caochlaideach a bhios romhainn. ’S dòcha gum faicear reòthadh agus deigh cuideachd ann am mòran àitichean.

[Joy] Ma choimheadas sin ma-thà ann am barrachd dhoimhne, mu thrì uairean, chìthear gur ann am meadhan na dùthcha a bhios i na turadh. Sgòthach do mhòran, còmhdachadh uisge do mhòran àitichean, agus a’ ghaoth fhathast beòthail mu na cladaichean anns Na h-Eileanan Siar agus cuideachd sna h-Eileanan mu Thuath, Sealtainn a’ faighinn a’ chuid as fheàrr de na grèin, agus an teòthachd a’ ruigsinn eadar a seachd agus a naoi Celsius.

[Joy] Tron oidhche, gluaisidh an aghaidh sin air falbh. Oidhche fhuar eile a bhios ann, ged nach bi i a’ cheart cho fuar ris an oidhche a-nochd, agus latha beagan nas socraiche a bhios ann Diciadain.

[Joy] A-rithist, còmhdachadh sgòtha air feadh na dùthcha, ach mean air mhean sgaoilidh agus sgapaidh sin, a’ fàgail boillsg math grèine gu h-àraidh gu siar.

[Joy] An teòthachadh ag àrdachadh rud beag agus a’ ghaoth a’ socrachadh, a’ ciallachadh gum fairich i rud beag nas blàithe.

[Joy] Oidhche mhath leibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!