FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor’s Butteries Na butteries aig Griogair

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine (Baking). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Na butteries aig Griogair

[Griogair] Butteries – traidiseanta ann an ceann an ear-thuath na h-Alba, ach tha mise a’ cur mo dhreach fhìn orra.

[Griogair] Tha iad math, ach bhithinn ag innse breug nan canainn gun robh iad math dhut.

[Griogair] Seo agaibh a-nis rudeigin à cost’ an ear air cost’ an iar.

[Griogair] ’S e th’ agam ach butteries agus tha iad cho math – làn salainn agus làn ìm’.

[Griogair] Nise, airson tòiseachaidh, tha agam còig cheud agus seachdad ’s a còig grama de dh’fhlùr làidir ’s tha mi a’ cur sin dhan a’ bhobhla.

[Griogair] Agus, tha pacaid seachd gramaichean de bheirm agam cuideachd agus dà spàin-teatha salainn.

[Griogair] Agus bidh tuilleadh salainn anns an ìm a tha a’ dol a-steach na bhroinn.

[Griogair] Agus cuideachd a-steach ann, tha aon spàin-teatha de shiùcair.

[Griogair] Seo a-nis agus bheiridh mi dha mix bheag agus an uair sin tha cha mhòr trì ceud gu leth mìleliotair de bhùrn.

[Griogair] Nis chan eil mi ag iarraidh bùrn fuar a chleachdadh.

[Griogair] Seo a-nis, seo agam taois a tha caran stigeach ach chan eil e ro bhog a bharrachd, fèir math gu leòr airson a thionndadh a-mach agus obrachadh.

[Griogair] Seo a-nis ma-thà, tha an taois againn a’ fàs gu math tight agus tha e nas mìn’ dh’fhaodadh tu ràdh chan eil e stigeil ri mo làmhan cho dona ’s a bha e a bharrachd.

[Griogair] Agus an aon rud a th’ againn ri dhèanamh ’s e fèir a chur ann am bobhla, airson còrr is uair a thìde gu dà uair a thìde - tha e a-rèir dè cho blàth ’s a tha an rùm agaibh - fèir gus am bi e a’ dùblachadh.

[Griogair] Agus sin e, airson na h-ath phìos.

[Griogair] Seo a-nis agaibh, tha an taois air a bhith a’ suidhe airson còrr is uair a thìde, uair a thìde gu leth agam fhìn agus tha e air dùblachadh agus tha e a’ coimhead math fhèin.

[Griogair] A-nis, tha mi fèir a’ dol a thoirt an cling far a’ mhullach agus a’ dol a thoirt an adhar a-mach às.

[Griogair] Agus tha mi a’ dol a chur beagan flùir a-mach air a’ bhòrd.

[Griogair] ’S tha mi fèir a’ dol ga rolaigeadh a-mach coltach ri ceàrnag agus an uair sin, tha sinn a’ dol a chur ìm agus geir anns a’ mheadhan agus tha sinn fèir a’ dol ga dhèanamh coltach ri croissants nuair a tha e coltach ri puff pastry cuideachd le ìm agus tha geir anns an fhear seo cuideachd.

[Griogair] Agus seallaidh mi dhuibh a-nis, tha ceud grama de dh’ìm agus ceud grama de gheir agam ann a sheo agus tha mi fèir air an an dà chuid a mheasgachadh agus tha sinn a’ dol ga chur air muin an taoise againn.

[Griogair] An uair sin, tha mi fèir dol ga sgaoileadh timcheall.

[Griogair] An uair sin, tha mi a’ dol a phasgadh aon thaobh letheach slighe seachad an ìm agus an uair sin an taobh eile leis an ìm seachad air an rud a phaisg mi an toiseachd. Mar sin fhèin.

[Griogair] Agus an uair sin, tha sinn a’ dol ga rolaigeadh a-rithist.

[Griogair] Beagan flùir air a’ bhòrd. Rolaigidh mi e a-mach e a-rithist.

[Griogair] ’S tha mi a-nis dol ga phasgadh trì tropan. Tha mi a’ dol a dhèanamh seo gu math luath seach chan eil mi ag iarraidh gun leagh a’ gheir tuilleadh agus an t-ìm.

[Griogair] Tha mi a’ gearradh na taoise ann an sia pìosan deug agus gan brùthadh le mo chorragan ann an leacannan gun a bhith ro chòrn.

[Griogair] Tha mi an uair sin gan cuir air treidhe air an do mi chrathadh flùir.

[Griogair] Seo a-nis ma-thà agus an uair sin tha mi a’ dol a chur deagh chrathadh de shalann na mara air muin gach fear.

[Griogair] Agus a-nis tha mi fèir a’ dol a chur beagan cling air am muin agus dol gan fhàgail airson leth uair a thìde.

[Griogair] Seo a-nis agaibh na butteries deiseil airson a dhol dhan àmhainn. Tha iad air a bhith a’ suidhe airson leth uair a thìde agus tha iad air fàs gu math aotrom agus air èiridh beagan a-rithist.

[Griogair] Agus tha iad a’ dol dhan àmhainn aig dà cheud is trithead Celsius airson còrr is fichead mionaid.

[Griogair] Uill, gu mì-fhortanach tha agam ri feitheamh còrr is leth uair a thìde mus tèid mi faisg orra ach dè nì mi mu dheidhinn.

[Griogair] Siud an leth uair a thìde as fhaide a dh’fhairich mi a-riamh ach chan eil mi air mo bheul a losgadh.

[Griogair] Ach a-nis, tha an t-àm ann airson fear fheuchainn.

[Griogair] O tha iad sin math, cho bog leis an ìm agus a’ gheir a-staigh na bhroinn agus an t-salann air a’ mhuin agus an crunch math cuideachd.

[Griogair] O, chan fhaigh thu càil nas fhèarr na sin – cho sìmplidh ach cho blasta.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!