FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What’s Ceitidh’s opinion about progress and women in the workplace? Dè am beachd a th’ aig Ceitidh mu adhartas agus boireannaich san àite-obrach?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrùdaire (The Investigator). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgrùdaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Dè am beachd a th’ aig Ceitidh mu adhartas agus boireannaich san àite-obrach?

[Ruairidh Alasdair] Beachdan gu leòr an sin gu dearbha. Tha mi a’ falbh a-nis a thachairt ri Ceitidh a tha ’s a chiad bhliadhna aig Oilthigh Ghlaschu. Nise, tha e inntinneach mothachadh gum bi barrachd bhoireannaich a’ ceumnachadh à oilthigh na dùthcha na bhios fir ach chan eil iad a’ dèanamh cho math anns na h-obraichean – gu h-àraid na h-obraichean às àirde. Am bi Ceitidh a’ smaointinn mun a seo idir, tha an t-àm againn fhaighinn a-mach, tha mi a’ smaointinn. Dè nis na seòrsa rudan ’s a tha thu a’ smaointinn a tha boireannaich air a bhith a’ dèanamh ann an saoghal na h-obrach thairis air na bliadhnaichean mu dheireadh?

[Ceitidh] Tha mi smaointinn gu bheil tòrr adhartais air a thachairt, fhios agad, tha sinn a’ faicinn barrachd boireannaich ’s tha iad ann an suidheachadh ann an obair far a bheil barrachd cumhachd agus tha le companaidhean iad fhèin ’s rudan mar sin so tha tòrr adhartais air a bhith a’ tachairt seach, fhios agad, deich bliadhna no rudeigin mar sin.

[Ruairidh Alasdair] Tionndadh ma-tà dhan chuspair mar a bhios iad ag ràdh anns an cànan eile – quotas, nach e? Agus an urrainn dhut ’s dòcha mìneachadh – dè th’ann an quota? Dè bhios sin a’ dèanamh?

[Ceitidh] Tha mi a’ smaointinn gur e, fhios agad na faclan a bhios iad a’ cleachdadh ann am Beurla ‘s e positive discrimination so ’s dòcha riaghaltas no companaidh a’ cur boireannaich ann an suidheachadh obrach gu h-àrd mar eisimpleir. Chan e agallamh a th’ ann, chan e taghadh ach ‘s e dìreach a bhith a’ cur cuideigin ann an obair agus tha sinn a’ faicinn atharrachadh, fhios agad, tha tòrr de bhoireannaich ’s tha iad a faighinn air adhart - tha sin fìor. Ach ann an suidheachain nach eil sin a’ tachairt, chan eil sinn a’ faicinn atharrachadh no adhartas sam bith ann an suidheachan mar sin.

[Ruairidh Alasdair] Dè a-nis th’ ann an h-argamaidean às treasa a tha thu a’ cluinntinn an aghaidh na quotas a tha seo?

[Ceitidh] Tha mi a smaointinn gur e an argamaid às treasa gur e daoine ’s tha iad an aghaidh daoine dìreach a bhith a’ faighinn obair no faighinn cothrom air sgàth ‘s gur e aca no air sgàth ’s an gnè sam bith mar sin. Agus tha mi ag aontachadh le sin gu ìre ach tha mi a’ smaointinn gum bi a h-uile duine ag aontachadh. Fhios agad, gu ìre feumaidh obair a’ dol ann agus feumaidh foghlam ‘s fiosrachadh ‘s eòlas a’ dol ann ach aig an aon àm far a bheil, fhios agad, chan eil mi toilichte, fhios agad, obair fhaicinn is dìreach fir aig a’ mhullach. Chan eil sin ceart agus chan eil sinn a’ faicinn adhartas sam bith agus bu choir dhuinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!