FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Pieces of a boat Pìosan de bhàta

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme 'Beul-chainnt' Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram 'Beul-chainnt'

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Pìosan de bhàta

[Eilidh NicLeòid] Tha coltas deagh bhàta ga togail an seo, Uilleim. Tha i a’ coimhead math dha-rìribh. Dè an ìre aig a bheil i?

[Uilleam Stiùbhart] Uill, tha mi dìreach, tha sia sràcan air gach taobh.

[Eilidh NicLeòid] Seadh.

[Uilleam Stiùbhart] Uill, a-nise. Tha còig eile,’s dòcha.

[Eilidh NicLeòid] A-nis, Uilleim, chuala mi am facal rangan. Dè th’ annta?

[Uilleam Stiùbhart] Ò, dìreach fiodh. ‘S e fiodh a tha a’ dol thugaibh.

[Eilidh NicLeòid] Cà’ am bi iad a’ dol?

[Uilleam Stiùbhart] Tha iad a’ dol tarsainn mar sin. Mar sin, tarsainn agus an uair sin, Bidh iad an uair sin, bidh iad mu dhà throigh o chèile no fichead òirleach o chèile.

[Eilidh NicLeòid] Carson a dh’fheumas na rangan a bhith ann anns a’ chiad dol a-mach?

[Uilleam Stiùbhart] Ò, airson a chumail ri chèile. Ò, feumaidh i a bhith làidir, fhios a’d, a dh’fhalbh, chan eil e math a’ dol a-mach gun rangan.

[Eilidh NicLeòid] Agus, cuideachd air a taobh a-muigh dhith, tha fios agam gu bheil facal agaibh airson a’ phàirt a tha seo – mala.

[Uilleam Stiùbhart] Seadh, sin agad mar gum biodh an overlap a tha seo a’ dol aig na cuairtean.

[Eilidh NicLeòid] Ceart, ceart.

[Uilleam Stiùbhart] Mar a tha fhios agaibh, ‘s e. Airson a dhà a cheangal ri chèile. Seall thu. Feumaidh am fear seo a dhol sìos mar siud airson gun teàrnachadh ise leis am fear sin còmhla.

[Eilidh NicLeòid] Tha fios agam gu bheil tòrr dhiofar ainmean airson geòla is bàta is eathar is sgoth. Dè an diofar eatorra?

[Uilleam Stiùbhart] Ò, uill, tha a’ gheòla agaibh, tha. Tha e furasta a’ faighinn ach a’ gheòla. Tha an t-eathar, tha i biorach, san t-eathar. Tha a’ gheòla san square e.

[Eilidh NicLeòid] An eathar, tha i biorach air gach ceann dhith?

[Uilleam Stiùbhart] Ò gach ceann dhith, tha a’ gheòla biorach aig an toiseach fhèin.

[Eilidh NicLeòid] Feumaidh airson a’ dol tron uisge.

[Uilleam Stiùbhart] Sin agad e, aidh, aidh.

[Duine] Sgruig. Dè a-nis a th’ ann an sgruig?

[Boireannach] Chuala mi e. Bidh daoine ga chleachdadh airson iomadach rud.

[Duine] Chuala mi ‘sgroig’ ach tha deagh ghreis on a chuala mi an fhear sin.

[Boireannach] Cha chuala mi a-ràimh.

[Uilleam Stiùbhart] Seo ‘sgruig’, am pìos dhen stem a tha os cionn a bheòil.

Chaidh am prògram seo, Beul Chainnt, a chraoladh an toiseach ann an 2002.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!