FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bringing meat and fruit together A’ cur feòil is measan còmhla

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Seòid a' Chidsin (The Kitchen Coves). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Seò

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

A’ cur feòil is measan còmhla

[Ruaraidh] Tha mise a’ dèanamh an dinnsear agus tha thu a’ dèanamh nan currain.

[Uisdean] So, dè tha thu a’ dol a shadail a-steach an seo?

[Ruaraidh] Chan eil fhios agam, ’s dòcha beagan mil, ’s dòcha soy sauce.

[Uisdean] Aye, bhiodh sin math.

[Ruaraidh] Beagan uisge agus dìreach leig leis bruich.

[Uisdean] Aye.

[Ruaraidh] Gus am bi na currain ann an sùgh sticeach, tiugh, blasta.

[Uisdean] Bidh sin math.

[Ruaraidh] Bidh e fèir a’ coimhead sgoinneil.

[Uisdean] Tha mil ann an sin cuideachd.

[Ruaraidh] Tha mil ann a sheo, tha. Chan eil sinn air feum air cus dinnsear, a bheil?

[Uisdean] O chan eil, tha thu ag iarraidh blasad dinnsear, chan eil thu ga iarraidh ro làidir.

[Ruaraidh] Gu leòr ann a shin Uisdean, saoil?

[Uisdean] Cha chreid mi nach eil.

[Ruaraidh] Nì mi rud beag nas mìn e.

[Uisdean] Tha thu a’ dèanamh math rudan a dhèanamh mìn an-diugh.

[Ruaraidh] A-nis, tha mi a’ fàs math.

[Uisdean] Tha mi fhìn dol a dhèanamh dìreach rud beag courgettes còmhla ris an gigot agus an couscous. Agus tha mi nam inntinn gus sad mi rud beag peur na mheasg cuideachd.

[Ruaraidh] Inntinneach.

[Uisdean] Well tha rudan milis a’ dol na chois so

[Ruaraidh] Chuir mi beagan mil a-staigh an sin, beagan dhen a sin. Sin agad soy sauce ann a shin. Cha shaoileadh tu gu bràth gun deigheadh dinnsear agus currain còmhla cho math.

[Uisdean] Och tha iad.. tha iad a’ dol còmhla gu math.

[Ruaraidh] Och sad a-steach e ma-thà.

[Uisdean] Seo a-nis dìreach dèan leth dhen a sin, trim bheag dhen an sin. Nis, cha chreid mi nach dèan sinn sia pìosan beaga dhen am pìos àrd agus ’s dòcha ceithir den am pìos ìosal. Is nì mis’ am peur seo, tha mi nis... Tha soitheach an siud agam le bùrn is cuiridh mi fèir rud beag sùgh lioman ann cuideachd. Nuair a nì mi am pear sadaidh mi a-steach airson a’ pheur ga chumail brèagha agus gus nach tig dath air.

[Ruaraidh] Tha na pìosan seo rudeigin mòr, a bheil? An e sin na bha thu ag iarraidh?

[Uisdean] No, tha sin glè mhath.

[Ruaraidh] Sin alright?

[Uisdean] Sin glè mhath. Tha mise a’ dol a dh’fheuchainn ris an soitheach a tha sin... Bidh am blas aca an aon rud ach tha mi fèir ag iarraidh, is caomh leam, am pìos sin air a’ cheann. Am pìos sin air ceann a’ chourgette, tha e blasta.

[Ruaraidh] Bidh daoine a’ dèanamh rudan le dìthean a’ chourgette.

[Uisdean] Bithidh tha sìthean a’ chourgette, tha e math. Chan eil mise a’ feumachdainn ach leth de pheur.

[Ruaraidh] Tha mise a’ dol a thoirt sùil air am pork belly.

[Uisdean] O Dhia thoirt sùil air an sin!

[Ruaraidh] Ok ma-thà, mar a tha seo a’ coimhead. O bhalaich.

[Uisdean] Tha sin a’ coimhead math

[Ruaraidh] Tha sin a’ coimhead math. A’ coimhead math dha-rìribh. Rud beag dhen t-sùgh.

[Uisdean] A bheil torr fruit agadsa an sin cuideachd?

[Ruaraidh] Ùbhlan, ùbhlan, aye. Tha mi dìreach a’ dol a dhèanamh cinnteach nach loisg iad. Bidh droch bhlas air an sùgh an uair sin.

[Uisdean] Bidh, aye, ’s e sin an rud a tha thu ag iarraidh, tha thu ag iarraidh teasachadh...

[Ruaraidh] Seo an sùgh a’ tighinn dheth mar tha.

[Uisdean] O tha sin math.

[Ruaraidh] Tha sin math. Cuir mi sin a-steach ’s dòcha airson uair a thìde eile.

[Uisdean] Aye.

[Ruaraidh] Chan eil an craiceann builleach cruaidh fhathast.

[Uisdean] Aye, faodaidh tu, dh’ fhaodadh e ga chur a-steach nuair a tha a h-uile càil eile dheth agus blast a thoir dha agus bheir sin an craiceann an àrd.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!