FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Should cannabis be legal? Am bu chòir a’ chainb a bhith laghail?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrùdaire (The Investigator). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgrùdaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Am bu chòir a’ chainb a bhith laghail?

[Jamie] An cuala riamh air an ‘hoochimaroo?’ Nach eil thu a’ smocadh an hoochiemaroo, a bheil?

[Alannah] Chan eil mise a’ smocadh an hoochiemaroo.

[Eilidh] Nam bheachd-sa bu chòir dha a’ chainb a bhith laghail. Tha buaidh nas miosa aig deoch-làidir air daoine na tha aig a’ chainb. Bidh deoch-làidir a’ toirt air daoine a bhith mar, feargach agus a’ faighinn ann an sabaidean ’s a h-uile càil mar sin. Agus, nuair a bhios daoine a’ smocadh, tha iad dìreach toilichte.

[Jamie] The stone.

[Alannah] yeah, the good coosh.

[Jamie] The green.

[Alannah] The green, the Mary Jane. Em, dè eile a th’ againn?

[Jamie] Dope.

[Alannah] Dope, yeah. Weed.

[Hamish] Chan eil e duilich. Agus bidh fios aig cha mhòr a h-uile duine air àite a choireigin a gheibh iad grèim air. Ach ’s dòcha nach bi e sàbhailte.

[Cailean] Nuair a bha mi fhèin san oilthigh, bha mi eòlach air iomadh neach a bha a’ smocadh cainb agus tha e gu math cumanta. ‘S dòcha gu bheil e ceart gu leòr ma tha neach ga smocadh mar rudeigin pearsanta. ‘S dòcha gu bheil e ceart cho math ma tha iad a’ faighinn dheth leis, chan eil iad a’ dèanamh sìon ceàrr gu neach sam bith eile. Ach tha mi a’ smaointinn fhathast gum bu chòir dha a bhith mì-laghail a bhith a’ sgaoileadh no ga fhàs.

[Alannah] See tha mise a’ fàs confused oir tha like weed ‘s hash agus ‘s e rudan diofraichte a th’ annta.

[Ceitidh] Chan eil beachdan làidir agam mu dheidhinn a’ chuspair. Chan eil mi fhìn eòlach air duine sam bith sa chearcall agam a tha ga chleachdadh no a chleachd e anns a bheil thu fhèin mar oileanach meidigeach so chan eil fhios agam a thaobh...

[Shannon] Chanainn-sa, feumaidh mi ràdh, tha iad a’ dèanamh tòrr rannsachaidh air cainb agus ciamar a tha e ag obair agus tha daoine a’ sealltainn gu bheil e feumail ann an dòighean. Ach dhòmhsa, bha mi ag ràdh na bu tràithe, tha mi a’ smaoineachadh gum bu choir drugaichean uile a bhith laghail.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!