FaclairDictionary EnglishGàidhlig

What is Jamie’s opinion about cannabis? Dè am beachd a th’ aig Jamie mun chainb?

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Sgrùdaire (The Investigator). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Sgrùdaire

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

Dè am beachd a th’ aig Jamie mun chainb?

[Ruairidh Alasdair] Tha mi a’ dol a bhruidhinn a-nis ri mo charaid Jamie, fear a tha gu math ceòlmhor gu dearbha. Chì sinn dè th’ aigesan ri ràdh mu ‘hoochimaroochie’.

[Ruairidh Alasdair] Dè a-nis a chanas tu ri daoine a bhios a’ coimhead air eisimpleirean coltach ri Iapan neo Korea a Deas far a bheil na laghan air leth cruaidh agus aig an aon àm tha coltas gu bheil ìre slàinte an t-sluaigh gu math àrd cuideachd aig an aon àm?

[Jamie] Uill, ‘s e deagh argamaid a th’ann, feumaidh mi sin a ràdh an toiseach. Ach, sna àitichean mar sin tha iad gu tur eadar-dhealaichte na tha an suidheachadh againn an seo. Tha an riaghaltas aca an sin... chan eil iad a’ smocadh an t-uabhas no chan eil an cultar ann mun cuairt an deoch-làidir aca sin mar a tha againn an seo. So chan eil mi builleach cinnteach an e rud math a th’ ann a bhith a’ dèanamh coltas eatarra a thaobh a’ chuspair seo.

[Ruairidh Alasdair] A bheil thu a’ smaointinn gu bheil argamaid ann, ma bhios daoine a’ tòiseachadh le cainb, gum bi iad an uair sin a’ dol suas ìre mar ‘s gum biodh agus a’ tòiseachadh le drugaichean a tha beagan nas cruaidhe agus beagan nas cunnartaiche. A bheil an leithid rud ann?

[Jamie] Uill, an-dràsta, tha thu a’ ceannach an cainb agad bho dealers. Tha iadsan a’ dèanamh an airgead aca bho bhith a’ reic drugaichean agus is cinnteach gum bi drugaichean nas miosa aca an sin den leithid Class As. Agus ma tha thusa a’ ceannach an cainb agadsa bhon duine seo, dè tha ri ràdh... dè tha gad sgur a bhith a’ ceannach dad, rudeigin eile mar sin?

[Ruairidh Alasdair] A bheil thu a’ smaointinn gu bheil puing aid cuid den an fheadhainn a tha seo ‘s dòcha an aghaidh atharrachadh an lagh a tha seo? Bidh iad ag ràdh mar eisimpleir gum bi na h-àireamh de dhaoine anns an eucoir agus rudan mar sin ag èiridh ‘s a’ dol suas. ‘S e sin argamaid a tha air a chur air adhart do chuid eile, a bheil thu ag aontachadh leis a sin neo a bheil thu an aghaidh sin?

[Jamie] Uill, mar a tha ‘s a h-uile argamaid, tha deagh phuingean air an dà thaobh. Tha mi gu ìre ag aontachadh ris na daoine a tha airson a‘ chasg fhathast a bhith ann, agus tha fhios againn gu bheil cainb, tha trioblaidean ann leis. Chan eil e uabhasach math airson cuid de dhaoine a thaobh slàinte an eanchainn aca.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!