FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Louise’s Pina Colada Cake An Cèic Pina Colada aig Louise

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Fuine (Baking). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2020.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2020.)

Video is playing in pop-over.

An Cèic Pina Colada aig Louise

[Louise] Anns a’ bhobhla seo, tha mi air cupa gu leth de dh’fhlùr plain a chur ann, spàin-tì gu leth de baking powder, agus leth-spàin salainn. Agus tha sin uile air a mheasgachadh agus cumaidh mi sin dhan dàrna taobh. Ach an-dràsta, tha mi a’ dol a chur leth chupa ìme meadhanach blàth, seòrsa room temperature, agam a-staigh an seo. ’S tha mi dìreach a’ dol ga chur a-staigh san mixer airson mionaid no dhà dìreach airson ga dhèanamh uabhasach fhèin bog.

[Louise] Nist, tha sin a’ coimhead okay agus tha mi a-nis a’ dol a chur cupa de shiùcair, dìreach caster sugar, a-staigh ann.

[Louise] Tha mi a’ dol a chur na h-uighean a-staigh ann a-nis ach dìreach aon agus an uair sin ga mheasgachadh ’s an uair sin an tè eile dìreach gus am bi e air a mheasgachadh ceart.

[Griogair] Tha Louise a’ cur ann an treas chuid dhen fhlùr, dàrna leth a’ bhlàthach, trian eile flùr, an còrr dhen bhlàthach, agus mu dheireadh na tha air fhàgail dhen fhlùr.

[Louise] Uill tha aon ingredient special agam agus ma furachas tu mionaid…

[Louise] So tha mi a’ dol a chur dà spàin mhòr a-staigh an seo, dìreach a’ dol ga mheasgachadh dìreach gus am bi a h-uile rud a’ tighinn còmhla a-rithist.

[Griogair] Tha Louise a’ roinn a’ mheasgadh eadar trì soithichean cèic a tha deich òirlich tarsaing agus gan cur dhan àmhainn airson faisg air cairteal na h-uaireach aig ceud is seachdad sa còig Celsius.

[Griogair] Airson a’ chòmhdach, tha i air buaileadh le chèile trì gealagan uigh agus làn chopan siùcair mìn. Cuir i an uair sin am bobhla air beulaibh pana a tha a’ goil air a shocair. Tha i air buaileadh nan uighean gu math airson dhà no thrì mionaidean gus am bi an t-siùcar air leaghadh.

[Louise] Nise, so tha mi dìreach a’ dol a chur an t-ìm a-steach dìreach beag air bheag.

[Griogair] Dè na th’ ann de dh’ìm?

[Louise] Tha cupa gu leth de dh’ìm gun salann aig room temperature.

[Louise] Tha mi a’ dol a chur dà spàin-tì de ruma a-staigh ann a-nis. ’S dòcha dà gu leth.

[Louise] Tha mi dìreach a’ dol a mheasgachadh seo agus an uair sin tha sinn deiseil airson an rud a chur ri chèile.

[Louise] Anns a’ bhobhla tha seo, tha crogan crushed pineapple air a bhruich le cupa siùcar caster agus dà spàin-tì de cornflour. Tha mi a’ dol a thòiseachadh. Tha mi a’ dol a chur beagan buttercream dìreach timcheall air an taobh a-muigh dhen an spuing a tha seo agus a-nis tha mi a’ dol a chur leth dhen pineapple agus beagan toasted coconut.

[Louise] Tha mi dìreach a’ dol a dhòrtadh am buttercream air a’ mhullach.

[Griogair] Tha Louise a’ sgeadachadh a’ chèic le bleideagan chnò-chòco thioram agus a’ cur siris anns a’ mheadhan.

[Louise] O chan eil teagamh ann gu bheil rum a-staigh an seo ge-tà.

[Griogair] Tha fios agam, sin na bha mi ag ràdh - tha thu a’ faighinn cèic agus tha thu a’ faighinn ruma cuideachd. Pina Colada ann an cèic - dè eile a tha thu ag iarraidh? Tha a h-uile càil mu dheidhinn math fhèin.

[Louise] Faodaidh tusa tighinn a-rithist!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!