FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Fiona MacKenzie in conversation with Margaret MacLeod Fiona NicChoinnich ann an còmhradh cuide ri Mairead NicLeòid

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Nochd (Appear). Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Nochd

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Fiona NicChoinnich ann an còmhradh cuide ri Mairead NicLeòid

[Fiona] Uill, tha mi gu math eòlach air an ath-aoigh a th’ againn is agus sinn càirdeach.

[Fiona] A-nis, bidh feadhainn agaibhse eòlach oirre bhon chòmhlan Na h-Òganaich – i fhèin, a bràthair Donnie agus Noel Eadie a’ tighinn gu aire an t-sluaigh nuair a bha ceòl tarraingeach, tàlant agus glamour a’ tighinn ri chèile.

[Fiona] Fàilte a Mhairead, tapadh leibh airson a bhith còmhla rinn.

[Fiona] Nise, bha am Mòd gu math cudromach dha Na h-Òganaich, nach robh?

[Mairead] Uill bha dha Na h-Òganaich agus dhòmhsa bliadhnaichean mus do thòisich Na h-Òganaich cuideachd – ’s dòcha deich bliadhna mus do thòisich Na h-Òganaich.

[Mairead] Ach, às dèidh dhomh am bonn òr fhaighinn ann an naoi ceud deug is seachdad, cha robh mi ag ràdh … bha mi ag ràdh rium fhèin rium fhìn “dè tha mi a’ dol a dhèanamh?”

[Mairead] Agus co-dhiù, thàinig Donnie airson a’ chiad uair gun a’ Mhòd a bha sin agus chòrd e ris.

[Mairead] Agus ’s ann a thachair mi ri Noel cuideachd agus bha Noel anns a’ chòisir còmhla rium.

[Mairead] Agus an uair sin, a’ seinn còmhla agus rinn mi an-àird nam inntinn fhèin “carson nach tèid sinn a-steach airson bhuidheann aig a’ mhòd?” agus rinn sinn sin.

[Fiona] Agus, rinn thu rud a bh’ ann a bha thu a dèanamh bho bha thu gu math òg. An robh thu a’ seinn... an robh seinn anns an taigh agaibh?

[Mairead] Bha m’ athair math air seinn nuair a bha e a’ nighe nan soithichean agus rudan mar sin.

[Mairead] Ach cha robh duine anns an teaghlach a’ seasamh air an àrd-ùrlar a’ seinn.

[Mairead] ‘S ann a... ’s ann a bha... chaidh sinn a dh’fhuireach a Ceann Phàdraig, agus thagh tè a bha os cionn seinn ann a shin, thagh i mi airson seinn òran aig consart agus rinn mi sin.

[Mairead] Agus bha mi aon bhliadhn’ deug aig an àm agus ’s ann a mhothaich mo mhàthair nach robh mi nearbhach idir, agus ’s ann a thuirt i “’s dòcha gun tèid Mairead a-steach airson a’ Mhòid”.

[Mairead] Agus dh’ionnsaich mi òran nuair a chaidh mi suas dhachaigh a Leòdhas airson saor-làithean.

[Mairead] Agus chaidh mi a-steach airson a’ chiad Mhòd. Bha sin ann an leth-cheud sa naoi. Smaoinich! Trì fichead bliadhna air ais!

[Mairead] Ach bha cuimhne a’m gun robh mi a’ seasamh còmhla ri mo mhàthair ’s bha mi ag ràdh “Murt! Chan eil mis’ a’ dol a sheinn an aghaidh na clann-nighean mòr’ a tha sin.

[Mairead] Bha iad ann a shin le Nylon is bha mise le na stocainnean beaga bìodach geala orm ‘s feagal mo bheatha orm.

[Mairead] Co-dhiù, thuirt i rium “dìreach thalla air an àrd-ùrlar agus seinn mar a bha thu nuair a bha thu na do nighean bheag air Cnoc Shallur. Is rinn min sin agus bhuannaich mi.

[Fiona] Agus am biodh tu nearbhach às dèidh sin, anns na bliadhnaichean às dèidh sin anns na h-Òganaich?

[Mairead] Cha robh.

[Fiona] Cha robh idir?

[Mairead] Cha robh idir.

[Fiona] Agus cia mheud bliadhna a bha sibh a’ gabhail ri àrd-ùrlaran? Air feadh an t-saoghail, nach robh?

[Mairead] Uil, bha Na h-Òganaich, bha sinn cruinn còmhla airson seachd bliadhna.

[Mairead] Agus, às dèidh sin, sguir sinn airson dhà neo trì bliadhna fhèin.

[Mairead] Ach, tha sinn a-nis air ais.

[Fiona] Chan eil stad oirbh.

[Mairead] Chan eil stad oirnn.

[Fiona] Uill ’s math sin, tha sibh fhathast a’ dol agus tha mise a’ dol a-nis ... Bidh fios agad gu bheil tuilleadh cheistean ri thighinn, agus bheir mi dhut dà roghainn an seo agus ma thaghas tu fear dhiubh faighnichidh mi a’ cheist air a’ chairt.

[Fiona] So a chiad fheadhainn: obair-latha neo oidhche mhath?

[Mairead] Obair latha.

[Fiona] Glè mhath, uill, ’s e a’ cheist: dè tha ga do bhrosnachadh?

[Mairead] Gàidhlig.

[Fiona] Nise, ma tha mise ceart, cha robh Gàidhlig neo tòrr Gàidhlig agad nuair a bha thu òg an robh?

[Mairead] Uill bha. Nuair a bha... bha sinn a’ bruidhinn Gàidhlig anns an dachaigh ged a rugadh is thogadh sinn, mise ann an Dùn Èideann.

[Mairead] ’S chaidh sinn suas a Cheann Pàdraig nuair a bha mi deich.

[Mairead] Ach ’s ann nuair a bha mi ann an Ceann Pàdraig, bha tòrr dhe na h-iasgairean à Leòdhas a’ tighinn – do sheanair aon dhiubh.

[Mairead] Agus, bhiodh iad a’ tighinn a-steach dhan taigh againn a h-uile deireadh-sheachdain.

[Mairead] So bhiodh mise ag èisteachd ri na bodaich agus na sgeulachdan ann an Gàidhlig, agus thòisich mi cuideachd le na h-òrain.

[Mairead] Agus sin a bhrosnaich mise agus thug misneachd dhomh a leantainn.

[Fiona] Agus tha thu a-nis a’ teagaisg chlasaichean Gàidhlig cuideachd, ciamar a thàinig sin gu bith?

[Mairead] Uill, bha mi ag iarraidh airson miann a dhol a-steach airson teagaisg nuair a bha mi nas òige co-dhiù, agus mar a thachair e, bha tòrr de dhaoine ann an Glaschu ag iarraidh Gàidhlig ionnsachadh.

[Mairead] Agus le sin, thòisich mi sin agus tha mi air a dhèanamh a-nis airson sia, seachd bliadhna air ais.

[Fiona] Is dè cho cudromach ‘s a tha thu a’ smaoineachadh a tha ceòl agus òrain ’s bàrdachd dhan a’ chànan.

[Mairead] Tha e uabhasach cudromach oir tha e nas fhasa ag ionnsachadh, tha mi a’ smaoineachadh, le òrain agus ma tha thu a’ cur rudan gu rudeigin agus bidh mi ag ràdh riutha, bidh mi a’ seinn rudan mar “agam, agad, aige, aice, againn, aca” agus rudan gòrach mar siud!

[Mairead] Agus tha e nas fhasa a bhith ag ionnsachadh mar sin tha mi a’ smaoineachadh.

[Fiona] Agus a’ cuimhneachadh.

[Fiona] Tha mi a’ dol a ghluasad a-nise, agus tha mi a’ creidsinn gu bheil na ceistean a tha seo buntainn ri cuideigin gu math cudromach anns an teaghlach.

[Fiona] Dòtaman no DIY?

[Mairead] DIY.

[Fiona] Uill, cò ris a tha thu fhèin coltach le òrd? A bheil thu math air DIY?

[Mairead] Uill, cuiridh mi mo làmh ri càil sam bith. Tha mi math air fuaigheal agus air fighe, agus nuair a cheannaich sinn an taigh far a bheil sinn a’ fuireach an-dràsta bha e tuiteam na bhroinn.

[Mairead] Ach, ’s a h-uile duine a’ smaoineachadh gun robh sinn às ar rian a’ ceannach an àite siud. Ach tha e a’ còrdadh rinn an-diugh agus bha sinn dìreach ag ath-nuadhachadh a h-uile rùm agus a h-uile seòmar.

[Mairead] Agus is toil leum a bhith a ‘boltaigeadh’.

[Fiona] Boltaigeadh?!

[Mairead] Agus a’ sgrìobadh agus a h-uile càil eile. Tha sin a’ còrdadh rium.

[Fiona] Agus am bidh feum agad uair sam bith air ‘call’ a chuir a-steach gu do bhràthair airson beagan cuideachaidh?

[Mairead] Uill, rinn e aon rud math aig cùl a’ ghàrraidh, rinn e ‘piaggio’ dà bhliadhna air ais.

[Mairead] Cha do rinn e càil a-staigh am broinn an taighe còmhla rinn.

[Fiona] Uill chan fheum thu a chuideachadh a-rèiste. A-nis, saorsa neo prìosan?

[Mairead] Saorsa.

[Fiona] Nam biodh saorsa agad a dhol a dh’àite sam bith air an t-saoghal – tha fios agam gu bheil thu air tòrr siubhail a dhèanamh ach – càite an deigheadh tu agus carson?

[Mairead] An àite a tha a’ còrdadh rium gu lèir ‘s e dìreach Alba fhèin agus a’ Ghàidhealtachd.

[Mairead] Ach nan deighinn a dh’àite sam bith ‘s e Antarctica.

[Fiona] Ò seadh, carson?

[Mairead] Uill, tha mi uabhasach dèidheil air daoine a tha a’ siubhal gu àitichean neònach.

[Mairead] Agus fhuair mi cothrom a dhol sìos gu na Falklands, agus chòrd sin rium.

[Mairead] Agus ‘s caomh leam sgeulachdan mu dheidhinn Shackleton ’s daoine mar sin.

[Mairead] Neo ‘s dòcha suas gu ‘Mongolia’. ‘Outer Mongolia’ ‘s na h-àitichean sin.

[Fiona] Àitichean fuar a-rithist.

[Mairead] Àitichean fuar

[Fiona] Uill tha mi an dòchas gum faigh thu ann uaireigin.

[Mairead] Bhiodh e math.

[Fiona] Agus tha sinn uabhasach toilichte gun robh thu a-staigh a’ cèilidh oirnn an seo a-nochd.

[Mairead] Tapadh leat a ghràidh.

[Fiona] Mìle taing.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!