FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather with Sarah Cruikshank An Aimsir le Sarah Cruikshank

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bho “An Là”

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Sarah Cruikshank

[Sarah] Feasgar mhath dhuibh. Uill bha i cho fuar ris a’ phuinnsean do mhòran an-diugh às dèidh an oidhche as fhuaire bho dà mhìle agus naoi deug. Agus airson na h-oidhche a-nochd, rabhadh againn bho Oifis na Sìde air feadh na dùthcha air sgàth ’s sneachd agus dèigh. Chì sinn an seo a bh’ ann de dh’uisge, flin agus sneachda a’ dèanamh a shlighe sear agus deas mar a thèid sinn tron oidhche. Tuiteam mar measgachadh de dh’uisge, flin agus sneachda, agus sneachda fiù ’s gu ruige talamh as ìsle mun àm a ruigeas sinn madainn a-màireach.

[Sarah] Reòthadh cuideachd gu bhith ann air feadh na dùthcha agus sin a’ ciallachadh gum bi i gu math cunnartach air cuid de rathaidean agus tha sinn a’ faicinn a’ ghaoth gu bhith ag èirigh tarsainn sgìrean mu cheann a tuath na dùthcha.

[Sarah] Ach ’s e gaoth tuath a bhios ann agus sin gu bhith a’ sèideadh frasan a-steach an seo airson a-màireach ach tha an aghaidh a tha seo gu bhith a’ tòiseachadh air slaodadh air falbh. Mar sin, ged a thòisich sinn le beagan de shneachda, tro mheadhan agus ceann a deas na dùthcha madainn a-màireach, gheibh sinn cuidhteas dhen a sin tron a’ mhadainn agus an uair sin chì sinn frasan am pailteas a’ tighinn a-steach mu cheann a tuath na dùthcha. Ach do mhòran, thig piseach dhen an aimsir feasgar a-màireach.

[Sarah] Ach chì sinn an seo, na frasan geamhradail a tha seo a’ toirt buaidh air na h-eileanan mu thuath agus ceann an iar-thuath na Gàidhealtachd tron latha a-màireach. Sneachda air talamh àrd ach uisge is flin gu ruige an talamh as ìsle anns an fharsaingeachd. Ach beagan sneachda an cois na frasan nas truime aig amannan.

[Sarah] Do mhòran ge-tà feasgar a-màireach nas tiorma, greisean grèine gu bhith ann, ach tha an teòthachd dìreach togail gu dhà no trì Celsius aig a’ char às àirde. Agus an uair sin an gaoth à tuath a’ toirt oirre faireachdainn nas fhuaire builleach agus tha sin gu bhith a’ ciallachadh gu bheil tuilleadh fhrasan a’ tighinn a-steach 'son oidhche Dhiardaoin tarsainn sgìrean mu cheann a tuath na dùthcha. Agus tha iad siud gu bhith tionndadh gu sneachda gu talamh ìosal agus sin as adhbhar gu bheil reòthadh buidhe eile againn airson na sgìrean a tha seo air a chomharrachadh ann am buidhe tro oidhche Dhiardaoin a-steach gu madainn Dihaoine.

[Sarah] Ach an uair sin chì sinn na frasan geamhradail a sin a’ gluasad deas tron latha agus thig piseach orra feasgar nuair a tha i air tioramachadh ach puinnsean de fuar a-rithist airson deireadh na seachdaine, dìreach aon Celsius do mhòran aig a’ char as fheàrr. An uair sin airson an deireadh-seachdain, cùisean ag atharrachadh, chì sinn gu bheil an adhar a’ tighinn on iar a’ ciallachadh nach bi faireachdainn builleach cho fuar.

[Sarah] Oidhche mhath leibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!