FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor's pretzels Na preadsalan aig Griogair

A video with a transcription, translation and terminology from the programme ‘Fuine’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Na preadsalan aig Griogair

[Griogair] 'S e an cumadh a tha sònraichte mu dheidhinn pretzels. Tha iad tarraingeach, blasta, le tòrr salainn air am muin.

[Griogair] Agus a’ chiad rud a tha sinn a’ dol a dhèanamh, ’s e cur leth phacaid beirm a-steach còmhla ri ceud is ochdad milleliotair de bhùrn blàth.

[Griogair] Agus tha mi a’ dol a chleachdadh forc airson a bhualadh còmhla.

[Griogair] Fad na tìde tha mi a’ cur beirm a-steach còmhla ris a’ bhùrn an toiseach gus an tèid e tron fhlùr gu lèir.

[Griogair] Agus cuiridh mi còmhla ri sin, leth spàin mhòr de shiùcar donn agus leth spàin mhòr cuideachd de dh’ìm agus an ìm a tha seo tha mi air a leaghadh.

[Griogair] Agus còmhla ri sin cuiridh mi leth spàin-teatha de shalainn.

[Griogair] Salainn àbhaisteach, agus cha chanadh tu gun robh mòran ann, ach tha tòrr salainn ri thighinn fhathast.

[Griogair] Nise, cleachdaidh mi an forc a-rithist agus cuiridh mi sin còmhla.

[Griogair] Tha sin a' coimhead math gu leòr.

[Griogair] Ann am bobhla mòr cuiridh mi ceud is còig air fhichead grama flùr làidir geal agus an aon chuideam de fhlùr plèan.

[Griogair] Nise, tha na nìthean fliuch a’ dol ann agus cleachdaidh mi an spàin airson a h-uile càil a thoirt còmhla.

[Griogair] Tha an mixture againn caran bog aig an ìre-sa, ach bheiridh sinn dha measgachadh beag airson mionaid no dhà agus an uair sin faodaidh sinn a chur a-mach air bòrd le beagan flùir.

[Griogair] Nise na gabh feagal aig an ìre-sa tha e a’ coimhead gu math bog, ach fàsaidh e nas teann fhad ’s a tha thu ga obrachadh.

[Griogair] Chan fheum thu dhol dhan gym ma tha thu a’ dèanamh seo.

[Griogair] Bheiridh seo beagan thìde ’s dòcha trì mionaidean gu ceithir mionaidean no mar sin.

[Griogair] Tha sin nist deiseil airson dhol dhan a’ bhobhla.

[Griogair] Is mi tha sgìth a-nis, ach seall na muscles a tha seo.

[Griogair] Tha mi ga chur gu aon thaobh airson uair a thìde le clingfilm air a’ mhuin agus bidh e air dùblachadh.

[Griogair] Aithnichidh sibh a-nis gu bheil an taois againn air èirigh agus faodaidh sinn an clingfilm a thoirt dheth, agus an adhar a phutadh a-mach às.

[Griogair] Tha mi a’ dol a dhèanamh sia pìosan dheth na seo.

[Griogair] Nise, tha mi a’ dol a roiligeadh gach pìos a-mach coltach ri isbean a tha fichead sa dhà òirlich fada.

[Griogair] Tòiseachaidh bhon a’ mheadhan agus ag obrachadh an taois a-mach gu na cliathaichean.

[Griogair] Tha e a-nis coimhead coltach ri cha mhòr nathair le cho fada ’s a tha e.

[Griogair] Nise, siud aon, agus cumaidh sinn oirnn leis a’ chòrr.

[Griogair] Tha mi a’ dol a dhèanamh cumadh a tha coltach ri bròg eich dh’fhaodadh tu ràdh an toiseach agus an uair sin tha mi a’ cur an dhà deireadh seachad air a’ chèile agus a-rithist agus an uair sin ga thionndadh suas agus ga bhrùthadh a-steach dhan na cliathaichean.

[Griogair] Nise, seo am pìos annasach, tha mi a’ dol a chleachdadh liotair de bhùrn goileach agus tha mi a’ dol ga chur ann am bobhla còmhla ri seasgad grama de sòda arain.

[Griogair] Agus an rud a tha a’ dol a thachairt an seo, ’s e gu bheil e a’ dol a thoirt dath donn, donn air na pretzels nuair a thig iad às an àmhainn.

[Griogair] Agus bidh e a’ toirt rud beag de chraiceann dha cuideachd air sgàth ’s gu bheil mi air an taois a chur ann am bùrn teth an toiseach.

[Griogair] Nise, tha sinn fèir gan cur a-steach agus an uair sin, gheibh mi na tionaichean agam deiseil.

[Griogair] Agus, nì sin a’ chùis.

[Griogair] Tha sinn airson gun tig am bùrn gu lèir dheth agus faodaidh sinn iad sin a chur a-mach air an tiona.

[Griogair] Agus tha mi airson ’s gun cuidich mi na pretzels agus gum bi iad a’ coimhead ceart.

[Griogair] Chan e na caoraich a tha a’ faighinn dipeadh an-diugh idir, ’s e na pretzels.

[Griogair] Seo far a bheil an t-salann a’ tighinn a-steach, agus tha mi a’ cleachdadh salann na mara, agus tha mi fèir ga chur timcheall mullach gach fear.

[Griogair] Tha iad seo a-nis deiseil airson dhol dhan àmhainn aig ceud agus ochdad fan, agus thèid iad ann airson dusan mionaid, ’s dòcha còig deug mionaidean no mar sin.

[Griogair] Cumar sùil air, tha sibh ag iarraidh an dath dorcha a tha sin.

[Griogair] A-steach leotha.

[Griogair] Nach eil sin a’ coimhead eireachdail, tha mi a’ dol a-steach airson gàmag.

[Griogair] O uill, tha sin cho math, cruaidh air an taobh a-muigh agus bog anns a’ meadhan, agus fèir saillt’ gu leòr dhòmhsa.

[Griogair] Math fhèin!

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!