FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Growing up in Glasgow A’ fàs suas ann an Glaschu

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Thuige Seo with Dr Margaret MacKinnon Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Thuige Seo còmhla ris An Dr. Mairead NicFhionghain

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

A’ fàs suas ann an Glaschu

[Dòmhnall Moireasdan] Agus b’ ann an Glaschu a thogadh sibh?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ò gu dearbh, rugadh is thogadh mi ann an Glaschu.

[Dòmhnall Moireasdan] Ach ann an dachaigh Ghàidhealach. Ann an dachaigh Ghàidhealach.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ò gu dearbh, gu dearbh, bha m’ athair à Bhatairnis agus mo mhàthair às A' Bhràighe.

[Dòmhnall Moireasdan] Cò ris a bha e coltach a’ tighinn beò ann an Glaschu àm an Dàrna Cogaidh mar nighean bheag Ghàidhealach?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Uill, bha e okay, tha cuimhne agam, bha mi sa bhun-sgoil agus thuirt an tidsear aon latha, “ Margaret MacKinnon can you see if it is still raining?”, chaidh mi a-mach agus thàinig mi air ais agus thuirt mi “Well, it’s a fras.” Agus thuirt i “What?”, “It’s a fras.”, “What are you talking about?” Agus thuirt cuideigin air mo chùlaibh “Please Miss, that’s Gaelic for shower.” Bha dùil agamsa gun robh e ceart.

[Dòmhnall Moireasdan] Ciamar a bha fios aca-san, deagh cheist. Agus bhiodh a’ chlann eile, ann an dòigh cha robh iad a’ magadh oirbh ach a’ gabhail truas ribh gur ann dhachaigh a bhiodh sibhse a’ dol air saor-làithean?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Gu dearbh fhèin. Nise, a Dhòmhnaill, na can thu thu an àite sibh?

[Dòmhnall Moireasdan] Uill, ma thogras sinn.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Uill, tha sinn air a bhith pally o chionn iomadach bliadhna. Nise, bhiodh an tidsear a’ canadh “So where are you going?” “Oh to Madeira” no dhan Spàinn no àiteachan mar sin. “Margaret, where are you going?” “I’m going home.” Agus, ‘s e uill, bha mi aig Mòd air choreigin, uill bliadhnaichean air ais agus thuirt an gille seo a bha sa chlas còmhla rium, thuirt e “I don’t suppose that you knew that we used to feel so sorry for you.” Agus thuirt mi “Why?” “Because you were the only one who never went on holiday, you went home”. Bha mise a’ meanagadh an Eilean Sgitheanach.

[Dòmhnall Moireasdan] Bha gu dearbh agus a’ bruidhinn air an Eilean Sgitheanach agus home, am bràthair as sine agaibh, Teàrlach, sin far na thogadh esan ged a bha sibhse ann an Glaschu.

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Aidh, rugadh e ann an Glaschu…

[Dòmhnall Moireasdan] Ach thogadh e anns an Eilean?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ach thogadh e anns an Eilean.

[Dòmhnall Moireasdan] Carson a bha sin?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Uill, bha leanabh aig mo mhàthair dìreach às dèidh Teàrlach, Dòmhnall, ò leanabh uabhasach a bh’ ann. Agus bha iad dhachaigh agus, chan eil cuimhne agam ‘s e Antaidh Ceitidh, ‘s dòcha, a thuirt “chan eil sin fair air Teàrlach” oir bha am bèibidh ag iarraidh, ‘eil fhios agad, dè chanadh tu ris, chan eil fhios agam ach co-dhiù. “Fàg e, fàg Teàrlach an seo. Tha mise a’ tighinn a Glaschu as t-fhoghar no rudeigin.” Ach cha tàinig agus bha aca ri Teàrlach fhàgail an sin. Mar sin, cha tigeadh e còmhla riutha nuair a chaidh e dhachaigh air a shon.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus thogadh esan an sin, ann an Bhatairnis ach bha dualchas agaibhse gu mòr ann an Bhatairnis cuideachd, nach robh?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Ò gu dearbh.

[Dòmhnall Moireasdan] Agus càite eile san Eilean?

[An Dr. Mairead NicFhionghain] Anns a’ Bhràighe, faisg air Penefiler, rugadh mo mhàthair an sin.

Chaidh am prògram seo, Thuige Seo, a chraoladh an toiseach ann an 2014.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!