FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Dolina’s fruit and banana cake An cèic mheasan is banana aig Doileag

Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine Video with Transcription, Translation and Vocabulary from the Programme ‘Fuine’

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

An cèic mheasan is banana aig Doileag

[Griogair] Doileag, ’s e reasabaidh gu math eadar-dhealaichte a tha seo. An innis thu dhomh dè th’ ann?

[Doileag] Uill bha mi a’ coimhead anns a’ phreas, ’s bha rud beag no dhà, no dhà no trì rudan a bh’ agam air fhàgail. ’S gu h-àraid na bananas a tha a’ dol rud beag donn agus bha mi a’ smaoineachadh gum b’ fheàrr dhomh cèic a dhèanamh a bha a’ cleachdadh na rudan a bha agam air fhàgail anns a’ phreas.

[Griogair] Dè tha sinn a’ dèanamh an toiseach a-rithist?

[Doileag] Flùr self-raising agus tha mi a’ cur ochd unnsachan, dè tha sin ann an grams? Chan eil càil a dh’fhios agamsa.

[Griogair] Cò aige tha fios?

[Doileag] Ceithir unnsachan ìm, uill ’s e margarain a tha mise a’ cleachdadh. Tha mi a’ dol a ghearradh seo agus dol ga obrachadh le bàrr mo chorragan gus am bi e mar fèir criomagan arain a-steach dhan a’ bhobhla.

[Griogair] Agus dè eile a-nis tha thu a’ cur a-steach còmhla ris am flùr s an ìm?

[Doileag] Sia unnsachan siùcar mìn. Measan tioram a-niste, ceithir unnsachan.

[Griogair] Tha sin iongantach, chan fhaca mi cèic le banana agus na measan a tha sin a-staigh còmhla ris.

[Doileag] Bha na measan anns a’ phreas agus feumainn an cleachdadh. Tha sinn a-nis a’ dol a chur sirisean ach tha mi air an nighe agus gan cur air pìos pàipeir airson an tioramachadh.

[Griogair] Is cia mheud aca a tha thu feumach air?

[Doileag] Dà unns.

[Griogair] Dà unns.

[Doileag] Dà unns. Bheir mi job beag dhut fhèin.

[Griogair] A bheil thu ag iarraidh ormsa gan gearradh?

[Doileag] Geàrr thusa na sirisean agus pronnaidh mise na bananas.

[Griogair] Agus trì bananas a th’ agad?

[Doileag] Trì bananas. Tha seo rud beag fliuch. Bidh mise a’ cur rud beag flùr orra gus nach tuit iad sìos gu bonn a’ chèic. Faodaidh tu ga chur mun cuairt.

[Griogair] O, seo a-nis, nì mi sin dhut.

[Doileag] Tha thu na do sheasamh an sin agus chan eil thu a’ dèanamh càil.

[Griogair] Dè an cuideam a th’ ann de walnuts?

[Doileag] Dà unns cuideachd.

[Griogair] Dà unns.

[Doileag] Uill, feumaidh thu iad sin a ghearradh an àird, tha iad ro mhòr airson a chur ann an cèic. Feumaidh tu a bhriseadh. Tha sinn a’ tighinn faisg air a’ chrìoch, tha sinn a-nis a cur na bananas ann, air an pronnadh sìos. Agus tha sinn feumach air dà ugh agus sin a mheasgachadh. Tha e math cuideachadh a bhith agam nuair a tha mi a’ dèanamh rud beag bèicearachd.

[Griogair] Nach eil? Uill, bheir thugam fòn uair sam bith.

[Doileag] Tiona cèic agus air an lìnigeadh le pàipear gus nach stiog e.

[Griogair] Is dè am meud a th’ann?

[Doileag] Ochd òirlich.

[Griogair] A bheil sin deiseil airson an àmhainn a-nis?

[Doileag] Tha seo a-nis deiseil airson an àmhainn. Tha e a’ dol a-steach dhan... tha e a’ toirt gu math fada ’s an àmhainn, tha e a’ toirt uair a thìde gu leth aig 160 fan anns an àmhainn.

[Griogair] Glè mhath. Uill, a-steach leis a-nis.

[Doileag] A-steach leis.

[Griogair] Doileag, nach eil sin a’ coimhead mìorbhaileach agus tha mi a’ creid gu bheil tòrr dhaoine aig an taigh an-dràsta aig a bheil a h-uile càil a tha sin anns a’ phreas. Tha mi a’ coimhead air adhart ri fheuchainn.

[Doileag] Uill tha e a-nis fuar!

[Griogair] Uill mmm, o Dhia tha sin cho math! Tha seo a’ cur dà rud math còmhla – blas banana loaf agus blas fruit cake cuideachd. Dèanamh cèic coltach ri seo, math fhèin!

[Doileag] Nach e sin a th’ ann. Banana cèic. An dà rud a’ tighinn còmhla mar a tha thu ag ràdh.

[Griogair] Tha. Tapadh leibhse, math dha-rìribh!

[Doileag] Tapadh leat fhèin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!