FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The weather with Derek MacIntosh An aimsir le Derek Mac an Tòisich

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bho “An Là”

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

An aimsir le Derek Mac an Tòisich

[Derek] Halò feasgar math dhuibh, uill abair thusa gum facas cuid again tron latha an-diugh seallaidhean air leth geamhradail agus tha barrachd sneachda ri thighinn nuair a thèid sinn tron oidhche a-nochd agus tron an latha a-màireach cuideachd. Agus mar thoireadh air an t-sneachd, tha rabhaidhean ann bho oifis na side, rabhadh buidhe ann airson cnap mhath de cheann a deas na dùthcha agus an teas-meadhan sin tha rabhadh orains ann cuideachd.

[Derek] Ach thig nas fhaide tuath agus tha rabhadh eile ann an turas sa airson sneachd agus deigh airson pàirtean de cheann a tuath agus ear-thuath na dùthcha. Mar sin a-nochd, chì sinn bann de dh’uisge, de fhlin agus de shneachd a tha air a bhith mu cheann a deas na dùthcha an-diugh a’ gluasad nas fhaide tuath mean air mhean. Sin gu bhith tuiteam mar shneachd gu h-àraid air na monaidhean ach fiù ’s gu talamh nas ìsle aig amannan. Agus aig a’ cheart àm, bannan de dh’uisge gu bhith gluasad a-staigh bho cheann a tuath na dùthcha agus tha iad seo gus a bhith tuiteam a-rithist mar sneachd air talamh àrd ach fiù ’s gu talamh nas ìsle.

[Derek] Oidhche gu math fuar a bhios ann agus a’ bharrachd air meallan gu math geamhradail a bhith ann, a’ ghaoth gu bhith ag èirigh is gum bi neart-gèile ann anns na h-eileanan mu thuath ro mhadainn.

[Derek] A-màireach tha dà rabhadh buidhe eile ann, aonan airson sneachd a-steach air an dùthaich agus fear eile airson uisge trom agus leantainneach mu chostaichean an ear-thuath agus ann an Arcaibh. Mar sin a-màireach bidh i gu math robach tron a’ mhadainn gu h-àraid mun a’ Ghàidhealtachd agus mar sin dìreach Obair Dheathain le bannan de dh’uisge de fhlin agus de shneachd. Sneachd gu bhith ann gu h-àraid a-rithist air na monaidhean agus a h-uile coltas ann gun toir seo buaidh air cuid dhe na rathaidean as àirde, an A9 na measg agus fiù ’s sneachd gu talamh nas ìsle aig amannan. Ach mun àm a ruigeas sinn meadhan an fheasgar cuid mhath dhe na sin a’ gluasad air falbh dhan a’ chuan a tuath.

[Derek] Ach latha fuar a bhios ann gu h-àraid anns a’ ghaoith a bhios làidir a’ ruighinn neart gèile anns na h-eileanan agus mu chostaichean an ear-thuath. Ach mar a thèid sinn tron oidhche an ath-oidhche an t-siostam dhomhainn a tha seo, Stoirm Christoph a’ gluasad air falbh a-mach dhan a’ Chuan a Tuath. Mar sin mun àm a ruigeas sinn Dihaoine, ’s e dealbh rudeigin nas ciùine a bhios ann ach gaoth gu tuath fhathast nar cuideachd mar sin latha gu math amh a bhios ann.

[Derek] Mar sin, bidh tòiseachadh gu math fuar reòite Dihaoine, le meallan gu math bitheanta sgapte air bitheadh a-staigh bho thuath a-rithist. Bidh iad seo geamhradail gu h-àraid air na monaidhean ach fiù ’s gu talamh nas ìsle. Ach bidh e nas tiorama ann am meadhan ceann a deas agus taobh siar na dùthcha ach fuar air feadh na dùthcha, dhà gu ceithir Celsius aig a’ char as fhèarr. Oidhche Mhath.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!