FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gregor’s olive and rosemary soda bread Na h-arain-sòda le dearcan-ola agus ròs-màiri aig Griogair

Video with transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Fuine’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Na h-arain-sòda le dearcan-ola agus ròs-màiri aig Griogair

[Griogair] An toiseach, tha mi a’ cur trì ceud gu leth grama flùr donn ann am bobhla còmhla ri ceud grama flùr èirigh, spàin-teatha salainn na mara, tè eile de sòda arain, làn spàin mhòr ròs-màiri air a ghearradh beag, agus ceud grama dearcan-ola dubh.

[Griogair] Thèid seo a chur mun cuairt gu math.

[Griogair] Nise am blàthach, tha trì cheud gu leth milleliotair ga dhòrtadh ann is ga mheasgachadh gu taois thiugh.

[Griogair] Le mo dhà chròg, tha mi ag obrachadh na taoise mus dèan mi sia pìosan dheth, gach fear air a rolaigeadh cruinn.

[Griogair] Tha crathadh flùr a’ dol air threidhe air an cur mi na rolaichean.

[Griogair] Gearraidh mi crois air mullach gach fear.

[Griogair] Staigh dhan àmhainn-gaoithe leotha agus cha bhi iad ach cairteal na h-uaireach aig ceud is naochad Celsius.

[Griogair] Bog ’s a bhrot iad, slaod às a chèile iad, lìon iad le rud blasta, no dìreach thoir glamhadh orra, blàth às an àmhainn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!