FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ramsay’s off to Glencoe Tha Ramsay a’ dol a Ghleann Comhann

A video with a transcription, translation and terminology from the programme Mach à Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Mach à Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Tha Ramsay a’ dol a Ghleann Comhann

[Ramsay] Tha deagh ghreis on a bha mis’ air mo chois cho tràth seo. Sia uairean sa mhadainn, madainn Disathairne, ach ’s math ’s fhiach air.

[Ramsay] Tha mi dol a chur rud beag a bharrachd a chur dhan bhaga air sgàth ’s gu bheil iomadach outfit change a dhìth airson deireadh na seachdaine sa.

[Ramsay] ’S fìor thoil leamsa Gleann Comhann ach ’s àbhaist dhomh dìreach draibheadh roimhe, mar sin chuir mi romham a dhol ann agus fuireach ann gus sùil a thoirt air an sgìre.

[Ramsay] Tha sinn gu math fortanach ann an Alba gu bheil comas againn a’ siubhal air feadh na dùthcha on a tha i cho beag ach aig an aon àm cho eadar-dhealaichte.

[Ramsay] ‘S geall nach creideadh tu gu bheil Gleann Comhann dìreach ceithir fichead sa sia mìle air falbh bho Ghlaschu agus tha sin uile air an aon rathad agus mar sin tha sinn dìreach dol a chumail oirnn.

[Ramsay] Abair gu bheil mi a dèanamh gàire nuair a chì mi an soidhne a tha sin, ‘Fàilte don Ghàidhealtachd’, tha thu dhachaigh, tha thu air teicheadh, tha thu air falbh bhon bhaile mhòr, agus tha seo dìreach a’ fosgladh a-mach romhad ’s tha thu air do dhòigh tha mi creidsinn.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!