FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A challenge for musicians Dùbhlan ro luchd-ciùil

A challenge for musicians Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Dùbhlan ro luchd-ciùil

[Màiri Rodgers] Nis bho Runrig gu Skerryvore gu Breabach agus na ceudan eile, tha e follaiseach gu bheil ceangal Gàidhealach uabhasach tarraingeach do luchd-èisteachd na Roinn Eòrpa. Ach a-nist tha visa-an a dhìth do luchd-ciùil à Breatann anns a bheil riaghailtean gu math teann. Tha seo a’ cur dragh air mòran ’s iad iomagaineach mu na bhacadh a chuireadh seo air na cothroman-cosnaidh aca. Tha an aithris seo aig Niall Bartlett.

[Niall Bartlett] Tha toglaichean-ciùil na h-Alba an-dràsta nan thàmh ach do cheòladairean na dùthcha tha iomagain ùr a’ nochdadh ris na visa-an a tha a-nis a dhìth orra gus obair anns an EU seach Èirinn.

[Niall Bartlett] Tha dragh ann mun bhacadh a chuireadh seo air na cothroman-cosnaidh aca am broinn an Aon-E.

[Eòghann MacEanraig] Cha mhòr nach biodh e na dhinn do dhaoine a’ dol a-null airson deireadh sheachdain a’ cluich aig fèis no dhà ach ghabhadh cuairt a dhèanamh ’s dòcha ach nam biodh sinne airson cosgais na visas a chur ris an tuarastal againn, chanadh promoters ach “Thalla! Gheibh sinn còmhlan à Èirinn no à dùthaich sam bith eile san Roinn Eòrpa”, coltach ri gnìomhachas sam bith eile.

[Niall Bartlett] Do cheòl Ghàidhealach gu h-àraid, ’s e dùthchannan Eòrpach aon de phrìomh mhargaidhean nan gnè. Nan deidheadh am margadh sin a lùghdachadh, bhiodh oidhirp a dhìth gus an deach a-steach na th’ air a chall a lorg anns an dùthaich seo fhèin.

[Eòghann MacEanraig] Gu math tràth bha sinne a’ dol a-null dhan an Roinn Eòrpa gu math tric agus tha mi smaointinn gu bheil, tha fèill mhòr anns a’ Ghearmailt ri iarraidh ceòl na h-Alba agus ceòl Gàidhlig gu h-àraidh. Agus mar sin bha sinne riamh a’ cluich nas trice sa Ghearmailt, san Fhraing, sa Spàinn na bha sinn ann an Sasann mar eisimpleir. Anns an t-seagh sin, cha mhòr nach bitheamaid a’ tòiseachadh às ùr, feuchainn ri sgìrean eile fhosgladh mar gum biodh dhuinne agus a’ feuchainn ri cluich ann an Sasainn nas trice agus sgìrean eile de dh’Alba.

[Niall Bartlett] Bha feadhainn eile a bha an dùil nochdadh aig fèisean-ciùil a chaidh a chur dheth air sgàth ’s a’ choròna-bhìoras. A-nis ge-tà, nuair a bhios e comasach na fèisean a chumail a-rithist, chan eil e soilleir am bi e comasach dhaibhsan faighinn thuca.

[Marcas Mac an Tuairneir] An-uiridh bha mi an dùil ’s gum biodh mi fhìn an sàs ann an fleadh eadar-nàiseanta, agus bha sin gu bhith a’ gabhail àite san Danmhairg ach chaidh e chur dheth ri linn a’ choròna-bhìoras agus bha iadsan an dùil gum faigheamaid cothrom an co-fharpais a’ ruith a-rithist.

[Marcas Mac an Tuairneir] Chan eil mise cinnteach am bi e comasach dhòmhsa agus an sgioba a chuir mi ri chèile, am bi e comasach dhuinn dol ann.

[Niall Bartlett] Tha mu thrì ceud mìle neach air ainm a chur ri athchuinge ag iarraidh air Riaghaltas an Rìoghachd Aonaichte coimhead ris an t-suidheachadh às ùr. Niall Bartlett, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!