FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new chapter Caibideil ùr

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme Balaich a' Bhìobaill Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Balaich a' Bhìobaill

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Caibideil ùr

[Iain] Uill anns a’ bhogsa seo tha ochd bliadhna fichead mu a bhith ag obair aig a’ chomhairle, ann an aon bhogs’. Sin an deasg agam clear ’s mi a’ falbh dhachaigh ’s seo an latha mu dheireadh agam a bhith ag obair airson Comhairle nan Eilear Siar. Thòisich mi ann an 1986. Tha mi a’ sgur an-diugh so a long time.

[Preseantair] Às dèidh a bheatha a chur seachad ann am foghlam, a’ mhòrchuid dheth a’ teagaisg, tha caibideil ùr a’ fosgladh ann am beatha Iain Mhoireasdain. An ath-sheachdain, bidh e a’ tòiseachadh a’ trèanadh airson na ministrealachd an Dùn Èideann.

[Iain] Tha mi gu bhith nam oileanaich a-rithist. Tha mi a’ dol gu Edinburgh Theological Seminary agus ann an ceann trì bliadhna bidh mi na mo mhinistear anns an Eaglais Shaoir Albannach.

Chaidh am prògram seo, Balaich a' Bhìobaill, a chraoladh an toiseach ann an 2015.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!