FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The Weather with Joy Dunlop An Aimsir le Joy Dunlop

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bho “An Là”

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

An Aimsir le Joy Dunlop

[Joy Dunlop] Feasgar math dhuibh. Uill, air Là nam Pòg, tha mi an dòchas nach eil na cridheachan agaibhse a cheart cho reòthte ris an fhear seo. Gu dearbh b’ e latha gu math diofraichte a bh’ ann an-diugh an taca ris na làithean a dh’fhalbh. Bha i caochlaideach agus chunnacas uisge seach sneachd a’ gluasad a-staigh. Bha i gu dearbh nas blàithe ach gaothach cuideachd gu h-àraidh gu Siar far a bheil an rabhadh buidhe seo fhathast a’ mairsinn gu meadhan oidhche, dh’fhaodadh gum bi oiteagan làidir gaoithe a’ ruigsinn ceithir fichead mìle san uair ’s na h-Eileanan Siar.

[Joy Dunlop] Nise an-ath-sheachdain, seachdain gu math diofraichte a bhios ann le cinnt, bidh i caochlaideach ach leis a’ ghaoithe a’ sèideadh bho Dheas no bhon Iar-Dheas, ’s ann fada nas blàithe a bhios i faireachdainn. A-nochd bidh fras againn toiseach na h-oidhche seargaidh na frasan sin às airson greiseag ach gu dearbh bidh na turadh gu sear fad na h-oidhche ach gu siar chìthear na frasan seo a’ gluasad a-staigh. Dh’fhaodadh iad a bhith trom, leantainneach ach cha bhi i idir cho fuar sa tha cùisean air a bhith. An teòthachd a’ tuiteam gu sia no seachd Celsius do chuid aig a’ char as ìsle.

[Joy Dunlop] Oidhche ghaothach a bhios ann a-rithist, ged a bhios a’ ghaoth a’ socrachadh tron oidhche ’s mar sin, toiseach-tòiseachaidh tioram a bhios ann gu Sear agus gu dearbh bidh deigh agus sneachd fhathast na laighe an sin. Bhon iar, gluaisidh tuilleadh fhrasan agus cuideachd uisge nas leantainniche a-staigh, dh’fhaodadh seo a bhith trom gu h-àraidh aig amannan tron fheasgar. Abair àrdachadh anns an teòthachd ge-tà, a’ ruigsinn naoi no deich Celsius aig a’ char as àirde agus a’ ghaoth fhathast beòthail ach a’ socrachadh beagan a-rithist. Nise, tha na frasan sin a’ dol a leantainn orra airson greiseag. An uair sin gluaisidh iad air falbh gu Tuath a’ fàgail oidhche thioram ach sgòthach, fhathast ge-tà fuar gu h-àraidh ann an Ear-Thuath na dùthcha agus latha caochlaideach eile a bhios romhainn Dimàirt. Toiseach-tòiseachaidh tioram a bhios ann gu Deas ach a-rithist tuilleadh fhrasan agus uisge nas leantainniche a’ gluasad a-staigh mun Iar. Dh’fhaodadh seo a bhith gu math pailt gu h-àraidh tron fheasgar ach àrdachadh a-rithist anns an teòthachd a’ ruigsinn deich no aona Celsius deug do chuid agus a’ ghaoth a’ socrachadh rud beag ach a’ beothachadh ro dheireadh an fheasgar. Oidhche mhath leibh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!