FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Jewellery history of Iona Eachdraidh sheudraidh an Eilein Ì

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Eachdraidh sheudraidh an Eilein Ì

[Dòmhnall Angaidh Moireasdan] Nise o chionn còrr is ceud bliadhna, thòisich dithis ghnìomhachas sheudraidh ann an Eilean Ì. Chruthaich Alexander agus Euphemia Ritchie iomadh pìos seudraidh Cheilteach agus tha freumhan na h-obrach aca fhathast ri fhaicinn anns an eilean an-diugh. Bha iad mar phàirt de ghluasad ealain ’s obair chiùird na h-Alba san naoidheamh linn deug agus tha fèill air an obair aca fhathast. Tha an aithris seo aig Shona Nic a’ Phiocair.

[Shona Nic a’ Phiocair] Thar nam bliadhnaichean, tha mòran air an dreach fhèin a chur air an stoidhle Cheilteach. Chìthear na pàtrain iongantach a’ snìomh agus a’ lùbadh am measg a chèile air seann chlachan, dealbhan, obair-ghrèise agus seudraidh. Tha an stoidhle aithnichte air feadh an t-saoghail le freumhan domhain ann an eachdraidh na h-Alba.

[Shona Masson] Uill, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil rudeigin fhathast tarraingeach mu dheidhinn seudraidh Cheilteach air sgàth gu bheil e cho ceangailte ris an dualchas againn agus ris an eachdraidh againn ’s tha mi a’ smaoineachadh gur e sin a tha tarraingeach ma dheidhinn cuideachd air feadh an t-saoghail.

[Shona Nic a’ Phiocair] Le ealain sam bith tha stoidhle a’ faighinn beatha as ùr fo shùilean agus ann an làmhan chuideigin eile agus chìthear sin leis na tha de bhùithtean a’ reic seudraidh Cheilteach air feadh na dùthcha.

[Shona Masson] Chanadh cuid de dhaoine gu bheil cus dheth ann ach tha mi a’ smaoineachadh nuair a chì thu pìos a tha snog ‘s a tha a’ cur am pàtran ri chèile ann an dòigh a tha tarraingeach agus gu bheil an eachdraidh sin ann, tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir dhuinn a bhith moiteil às, gu bheil e na phàirt den eachdraidh againn. Sin an t-adhbhar as toil leamsa pìosan coltach ri sin.

[Shona Nic a’ Phiocair] Dha Mhàiri Killen, a tha na seudaire Cheilteach agus aig a bheil a’ bhùth Aosdana air Eilean Ì, tha ceanglaichean dlùth aice ri dithis a bha ris an aon obair faisg air ceud bliadhna air ais.

[Mhàiri Killen] I’m not directly related to Alexander and Euphemia Ritchie but my connection to them comes through my mother’s cousin, Iain MacCormick, who was an Iona silversmith. And as a young boy, Iain kind of served an informal apprenticeship with the Ritchies on Iona. Through his connection to my family, that’s how I kind of first of all, as a very young child, became aware of the Ritchies’ work and the tradition of silversmithing on Iona.

[Shona Nic a’ Phiocair] Choinnich Alexander agus Euphemia aig Sgoil-Ealain Ghlaschu. Phòs iad agus ghluais iad air ais do dh’Eilean Ì faisg air deireadh an naoidheamh linn deug. An sin, lean iad orra leis an obair sheudraidh aca agus stèidhich iad Iona Celtic Art.

[Mhàiri Killen] We work purely from the Ritchie patterns and the patterns that Iain created and worked from as well. So, the work’s been hugely influential in how I’ve developed my business on Iona. Without basically the legacy of the Ritchies and the legacy of Iain MacCormick, Aosdana just wouldn’t exist.

[Shona Masson] Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad rim moladh airson na rinn iad. Tha mise a’ faireachdainn gu bheil e cudromach gum bi fios againn cò iad agus dè rinn iad. Tha fèill mhòr air Charles Rennie MacIntosh a bha mun cuairt aig an aon àm sa bha iadsan ‘s mar sin carson nach biodh fèill mhòr air na rinn iadsan airson an stoidhle anns an robh iadsan ag obair?

[Shona Nic a’ Phiocair] Bidh cuid de na pìosan a chruthaich iad a’ reic aig rup airson eadar trì agus còig ceud not, agus tha cuid de na pìosan aca air an taisbeanadh anns an taigh-tasgaidh ann an Dùn Dè, the V&A. Shona Nic a’ Phiocair, BBC an Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!