FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Kyle and Lochalsh Community Trust Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil agus Loch Aillse

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil agus Loch Aillse

[Karen Elder] Nise, tha Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil agus Loch Aillse a’ sireadh bheachdan mhuinntir an àite mu na rudan as motha bu mhiann leatha fhaicinn anns an sgìre. Tha an t-urras air ceisteachan a sgaoileadh agus tha iad airson ’s gun tèid an tilleadh thuca on a’ chiad latha thar fhichead den Mhàirt. Le tuilleadh, seo Alasdair MacLeòid.

[Alasdair MacLeòid] An dràst’ sa rithist, cha chreid mi nach eil daoine an seo san Eilean Sgiathanaich a’ sanntachadh beatha dhaoine thall ann an sgìre Loch Aillse, ann an sgìre a tha an ìre mhath cho brèagha sa tha an eilean. Tha loidhne rèile a’ ruith troimhpe agus cha leig e leas a bhith a’ siubhal cho fada airson faighinn chun nam bailtean is bùithtean mòra co-dhiù nuair a bhios e ceadaichte sin a dhèanamh.

Ach chan eil siud ri ràdh nach eil rudan a dhìth air an sgìre agus tha Urras Coimhearsnachd a’ Chaoil agus Loch Aillse air tòiseachadh air co-chomhairle le litir agus sreath de cheistean air an cur a-mach gu gach dachaigh anns an sgìre feuch dè na leasachaidhean agus atharraichean a bu chaoil le daoine fhaicinn.

[Magaidh Choineagan] ‘S e cnag na cùise gu bheil gu leòr a tha a dhìth air an sgìre a tha seo. Tha cion-obrach gu ìre ann, tha cion-dhachaighean, cion cothrom aig òigridh ’s aig teaghlaichean air taighean a cheannach mar a tha air feadh na Gàidhealtachd air fad ’s na h-eileanan. Chan eil e furasta dachaighean a dhèanamh. Aig gach ìre tha mi cinnteach, dhar beatha, tha dìth anns an sgìre. Mar nach urrainn dhuinn leasachadh a thoir air beathannan nan sgìrean againn fhèin, chan eil mòran luach ann am buidheanan dha leithid seo, chanainn.

[Donnchadh Fearghasdan] Tha sinn air leth toilichte leis an oidhirp a tha seo air cur ceistean air daoine, a’ dèanamh rannsachadh. ‘S e bun-bheachd air leth math a tha seo gu bheil sinn a’ bruidhinn air a’ Chaoil is Loch Aillse agus e follaiseach gu bheil tòrr iarrtasan aig muinntir na sgìre seo, fìor ùidh aca ann an leasachaidhean anns an sgìre seach Rathad an Drom. Tha sin air a bhith mu, tha duilgheadasan air a bhith an sin airson fichead bliadhna. Tha mise sgìth a’ sgrìobhadh litrichean, agus chan eil sinn a’ faighinn freagairtean mun cuairt air dè tha iad a’ dol a dhèanamh mun cuairt air an rathad, air leth cudromach a tha sin.

[Alasdair MacLeòid] A bheil eadar-dhealachadh eadar daoine a tha a’ fuireach a-muigh air an tuath agus daoine le goireasan timcheall orra, ann am bailtean leithid an Caoil?

[Peigi Wood] Chan eil fhios a’m dè na h-atharraichean mòr a dhèanadh tu. Tha trèan ann ’s tha bus ann. Tha drochaid ann. Chan eil fhios agamsa dè na h-atharraichean mòr’ eile, fhios agad, chan eil mise a’ dol a-mach à seo. Aon rud tha mi a’ smaoineachadh a bhiodh glè mhath anns a’ bhaile seo a th’ air dùnadh mar-thà, na fosgladh cuideigin e, bùth aodaich! Aodaich is brogan, chan eil àite den t-seòrsa an ceannaichidh tu càil.

[Alasdair MacLeòid] Eadar riadh droch rathaidean ’s dìth thaighean no brògan is aodach is motha air d’ aire, tha trì seachdainean eile agad do bheachdan fhèin a chur a-steach. Alasdair MacLeòid, BBC an Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!