FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Gaelic t-shirts Lèintean-t Gàidhlig

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Lèintean-t Gàidhlig

[Karen Elder] Nist, ma nì sibh lorg air #Gàidhlig air na meadhanan sòisealta, cuiridh mi geall gum faic sibh dealbhan de dhaoine agus iad air an sgeadachadh le aodach air no le faclan agus briathran Gàidhlig orra. Tha companaidhean air nochdadh o chionn ghoirid a tha a’ cruthachadh aodaich agus a tha ag amas air a’ Ghàidhlig a thoirt am follais. ’S abair gu bheil coltas ann gu bheil air an stuth aca mar a tha Anndra MacFhionghain a-nist ag aithris.

[Anndra MacFhionghain] Air latha fuar mar a th’ againn an-diugh chan eil càil nas fheàrr na bonaid airson do chumail blàth agus ’s e bonaid nas fheàrr buileach a th’ innte ma ’s e ’s gu bheil i a’ guidhe ‘Latha Math’ do dhuine sam bith ris an coinnich thu. Tha aodach an leithid a’ bhonaid-sa air a bheil facail no briathran Gàidhlig a’ fas gu math fasanta o chionn ghoirid agus tha gu leòr den bheachd gu bheil iad seo a’ brosnachadh dhaoine òga gu bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig. Tha companaidhean leithid Sona agus Graficanna air fàs anns na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh agus iarrtas mòr ann an-diugh airson aodach le Gàidhlig orra.

[Anna Rothach] Dìreach às dèidh collaiste fhàgail, rinn mi Graphic Design so bha fhios a’m gun robh mi airson a bhith ag obair air mo cheann fhèin. An uair sin bha mi a’ faireachdainn gun robh beàrn ann ’s cha robh mòran aodaich Gàidhlig is rudan mar sin ann. So thòisich mi le aon design ag ràdh ‘’S e muncaidh a th’ annam’ agus bha sin gu math popular, sin airson clann. Agus an uair sin as dèidh sin, chùm mi orm dìreach barrachd designs a dhèanamh.

[Anndra MacFhionghain] Ach dè th’ ann mu dheidhinn an aodach-sa a tha a’ fàgail gu bheil uimhir cho measail orra?

[Rachel NicAoidh] Tha mi smaointinn dhòmhsa, tha an aodach seo a tha spòrsail agus tha mi smaointinn gu bheil iad uabhasach fhèin clever a bhith a’ cleachdadh facail Gàidhlig. Agus tha mi cuideachd eòlach air tòrr de na daoine a tha a’ ruith nan companaidhean seo agus tha mi smaointinn an rud as cudromaiche ’s e gu bheil iad a’ cleachdadh Gàidhlig ann an dòigh ùr agus fasanta agus spòrsail agus ’s e gu bheil iad a’ togail aire dhaoine. Agus tha mi smaointinn gu bheil e math airson òigridh cuideachd agus clann. Tha thu a’ faicinn tòrr chlann mun cuairt ’s dòcha aig fèisean agus air an t-sàmhraidh agus iad a’ dol timcheall le facail Gàidhlig orra. Tha mi smaointinn gu bheil sin uabhasach cute.

[Anndra MacFhionghain] Chan eil teagamh nach eil buaidh aig na meadhanan sòisealta ann an mar a tha na companaidhean Ghàidhlig-sa air a thighinn air adhart o chionn goirid agus gu h-àraid am buaidh a th’ aig Instagram. Tha cuid den bheachd gu bheil mar a tha a’ Ghàidhlig cho follaiseach air na làraich-sa ga dhèanamh nas cool do dhaoine òga.

[Anna Rothach] Tha Instagram fìor mhath, tha e math gu bheil a’ mhòr-chuid de dhaoine air Instagram agus chan eil agam ri pàigheadh air a shon. So tha e sgoinneil agus tha daoine a’ faicinn an stùth agam air feadh an t-saoghail so tha e glè mhath.

[Alison Bhrus] Airson a h-uile companaidh, feumaidh tu a bhith air-loidhne an-dràsta air na laithean-sa agus tha e fèir cho cudromach ’s gu bheil an seòrsa de coimhearsnachd againn air-loidhne cuideachd. So leis na rudan mar latha nan lèintean-t Gàidhlig, bha sin gu math cudromach airson coimhearsnachd a dhèanamh air-loidhne ’s dìreach airson faicinn gu bheil daoine eile ann aig a bheil Gàidhlig air-loidhne ’s gu bheil sinn uile ga bruidhinn agus ga fhaicinn air-loidhne. Tha e gu math cudromach airson ma smaoinicheas tu air Gàidhlig mar bhrannd ann an dòigh tha na lèintean-t seo a’ dèanamh diofar mòr air-loidhne agus dìreach san fharsaingeachd.

[Anndra MacFhionghain] Bidh iad ag ràdh gum bi fasan ag atharrachadh a h-uile sia mìosan, ach chan eil càil a choltas ann gu bheil spèis dhan a’ Ghàidhlig a’ dol a-mach à stoidhle uair sam bith a dh’aithghearr. Anndra MacFhionghain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!