FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Returning to school A’ tilleadh dhan sgoil

A video with a transcription, translation and vocabulary from “An Là”. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

A’ tilleadh dhan sgoil

[Karen Elder] Niste, chan fhaodar a ràdh nach eil ceangal eadar a h-àrdachadh san àireamh chùisean de Covid-19 an seo ann an Alba agus mar a thill cuid de sgoilearan chun nan seòmraichean-teagaisg, sin a dh’aidich Prìomh-Mhinistear na h-Alba air an latha anns an do thill cuid de sgoilearan bun-sgoile làn-ùine agus cuid de sgoilearan àrd-sgoile pàirt-ùine. Tha an tè-naidheachd againne Shona Nic a’ Phiocair air a bhith a’ bruidhinn ri cuid a thill chun nan seòmraichean-teagaisg an-diugh.

[Shona Nic a’ Phiocair] Air feadh na Gàidhealtachd, thill sgoilearan sna tràth bhliadhnaichean air ais dhan sgoil mar-thà. Ach bha luchd-teagaisg trang ag ullachadh airson fàilt’ a chur air feadhainn nas sìne air ais dhan a’ bhun-sgoil eadar clas a ceithir agus clas a seachd an-diugh.

[Steaphan MacÌomhair] Bha clas a ceithir gu math dòigheil a’ tighinn a-staigh dhan sgoil an-diugh, gu math toilichte, agus gu sònraichte a bhith còmhla ris na caraidean aca, sin an rud bu mhotha a tha mi a’ faicinn. Tha iad trang a’ còmhradh ’s a’ cabadaich ach cuideachd tha mi a’ cinnteach gu bheil iad toilichte a bhith air falbh bho na sgrìonaichean aca cuideachd. Rinn iad tòrr den sin tro lockdown. Tha mi fhèin mar thidsear ag iarraidh faicinn dè an ìre aig a bheil a h-uile duine, fhios agad, càite bheil na beàrnan a dh’fheumas a lìonadh agus ’eil fhios agad, thèid a h-uile sian a thaobh planadh agam a chur air dòigh mun cuairt air an sin.

[Shona Nic a’ Phiocair] ’S ann aig deireadh an Fhaoillich am bliadhna a chaidh iarraidh air sgoilearan air feadh na h-Alba fuireach aig an taigh agus obair-sgoile a dhèanamh air loidhne. ‘S nach iad a bha dòigheil a’ tilleadh air ais dhan sgoil gun sùile a chumail air sgrìn.

[Fionnlagh] Tha mi air mo dhòigh a bhith air ais san sgoil agus tha mi cho sona ri bròg.

[Isla] Bha sinn a’ faicinn cuid den clas againn agus bha sin math.

[Alasdair] An rud a bha doirbh mu dheidhinn a bhith aig an taigh, feumaidh tu coimhead air sgrìn airson faicinn obair againn ach anns an sgoil bidh thu a’ dol dhan sgoil agus bidh an tidsear a’ canail riut an obair.

[Shona Nic a’ Phiocair] Thill sgoilearan aig ìre àrd-sgoile air ais cuideachd an-diugh ach air sgàth ’s riaghailtean astarachadh sòisealta, bidh iad sa chlas pàirt-ùine agus bidh iad a’ leantainn ris a’ chòrr dhen foghlam aca aig an taigh. Ach dha sgoilearan àrd-sgoile ann am bliadhnaichean ceithir gu sia, gheibh iad prìomhachas a thaobh ùine a bharrachd a chur seachad sa chlas.

[Catriona Chaimbeul] ‘S e an rud as cudromaiche a dh’fheumas sinn cuimhneachadh mu dheidhinn a thaobh na sgoilearan nas sine, ’s e gur e iadsan a tha a’ dol a bhith, uill, bha iad a’ dol a bhith a’ suidhe deuchainnean ach a-nis feumaidh sinn dòigh fhaighinn air ùine gu leòr a thoirt dhaibh airson teisteanasan agus ged a bhios pàirt dhe na cùrsaichean air an lìbhrigeadh ann an dòigh eadar-dhealaichte, tha iad fhathast feumach air ùine a bhith anns an togalach.

[Shona Nic a’ Phiocair] Bidh ùine ann fhathast ge-tà mus tèid sgoiltean na dùthaich air ais gu suidheachadh sam bith coltach ris na bh’ againn mus do thòisich a’ chiad ghlasadh an-uiridh. Ach, tha iad air ceum air an t-slighe gus foghlam ann an suidheachadh nas àbhaistiche fhaighinn. Shona Nic a’ Phiocair, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!