FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A food dish for birds Soitheach-bìdh eun

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Dreach Ùr’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Dreach Ùr

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Soitheach-bìdh eun

[Shona] The mi a’ dol a dhèanamh rud gu math sìmplidh a’ cleachdadh seann chupa agus tha fhios gu bheil, tha mugaichean gu leòr agam sa phreas agus mar às àbhaist bidh gu leòr mugaichean againn ’s feadhainn anns na bùthan carantais cuideachd. ’S tha mi dol a dhèanamh biadh airson nan eun a-mach às. Agus nist a-staigh anns a’ chupa tha geir agam a tha mi air a leaghadh agus tha sin a-nis air a dheagh leaghadh. Agus tha eun-bhiadh cuideachd agam ann a sheo agus ’s e dìreach measgachadh de shìl is cnòthan is rudan mar sin. Ach tha gu leòr fiosrachaidh air-loidhne mu dheidhinn na seòrsa rudan a tha còrdadh ri na h-eòin ’s mar sin dìreach thoir sùil air-loidhne dè rudan eile a dh’fhaodadh tu cleachdadh fiù’s coirce is rudan mar sin. A-nist tha mi a’ dol a chur an t-sìl a-staigh agus an uair sin ga mheasgachadh. Tha mi ag iarraidh an aon seòrsa rud de chnothan ’s a th’agam de gheir. Cuiridh mi sin a-staigh ‘s tha pìos fiodh agam, tha mi dol ga mheasgachadh. Tha feum agam air barrachd tha mi smaoineachadh. Gun teagamh.

[Shona] Nist, ’s dòcha gun dèan sin an gnothach. Agus tha mi dìreach dol ga mheasgachadh gu math. Tha e glè mhath biadh a chur a-mach dha na h-eòin gu h-àraidh sa gheamhradh ’s chan eil mòran bhiadh mun cuairt. Cuideachd ma tha sibh ag iarraidh na h-eòin a thighinn dhan a’ ghàrradh agaibh, ’s e deagh dhòigh a tha seo a’ dèanamh cinnteach gun tig iad a chèilidh ort aig an taigh. Seo a-nist, tha seo dìreach cho sìmplidh sa ghabhas.

[Shona] An toiseach, tha mi a’ dol a chur a’ phìos fiodha a tha seo a-staigh na bhroinn airson ‘s gun fuirich e an sin. Tha mi nist dìreach airson fhàgail airson a’ fàs cruaidh agus an uair sin crochaidh mi e agus bidh am pìos fiodha seo ann dhaibh airson seasamh agus ithe. Agus bidh dinnear gu math blasta aca.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!