FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Ramsay’s off to St Andrews Tha Ramsay a’ falbh gu Cill Rìmhinn

A video with a transcription, translation and terminology from the programme Mach à Seo Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Mach à Seo

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Tha Ramsay a’ falbh gu Cill Rìmhinn

[Ramsay] Madainn mhath, tha mi air mo chois gu math tràth mar a chluinneas sibh air mo ghuth. ’S chan eil ann ach mi fhìn ‘s na delivery men agus na h-eòin. Ach, seacaid spaideil airson àite spaideil. Mach à seo a Chill Rìmhinn.

[Ramsay] Seo a-nist, tha mi air falbh a Chill Rìmhinn, àite gu math sònraichte dhòmhsa. Bha mise ann an shin aig an oilthigh airson cha mhòr ceithir bliadhna. ’S ann a rinn mi Gearmailtais an sin. Agus tha dàimh gu math dlùth eadarainn air sgàth ’s gun deach mo phàrantan dhan oilthigh an sin cuideachd. Mar sin, tha an teaghlach air fad gu math measail air an àite. ’S e àite gu math leòmach a th’ ann, chanadh cuid ach leig iad a-staigh mise so feumaidh nach eil e buileach cho leòmach sin.

[Ramsay] Cha bheir mi fiù ’s dà uair an uaireadair a’ dol gu Cill Rìmhinn leis a’ chàr ach mus rug mi an t-àite air a bheil mi cho eòlach, lùbadh beag air fhiaradh. Tha mi a’ dol air an Secret Bunker, àite nach eil cho dìomhair an-diugh ’s an làrach sgeadaichte le tancaichean agus gunnaichean mòra. Ach ri linn a’ chogaidh fhuair cha robh sìon ri fhaicinn an seo a dhùsgadh droch amharas sam bith. Ach ann an naoi ceud deug naochad sa ceithir, dh’fhalbh sgleò na dìomhaireachd. Airson a’ chiad uair on a thogadh e, dh’fhaodadh duine sam bith a’ gabhail a-staigh, sìos tron tunail, ceud is ceathrad meatair tro na dorsan a sheasadh ri spreadhadh gu àite falaich’ a chumadh feadhainn sàbhailte às dèidh ionnsaigh niùclasach. Trithead meatair fon talamh, an doimhneachd fhèin air dà ùrlar mar gum biodh dà raon ball-coise air muin a chèile.

[Ramsay] Fàilte dhan secret bunker! Ach fhuair mi lorg air, chan eil e cho secret sin a-niste. Right, tha sinn a’ dol a-staigh. Feumaidh sinn a bhith modhail a-nise. Sìos an staidhre ’s tha i a’ fàs fuar agus tha i a’ fàs dorcha. Is seo na tha romham. Mood lighting aca shìos ann an seo. Seall sin sìos is sìos. Central Government Operations.

[Ramsay] ‘S ann an seo tha mi a’ creidsinn a bhiodh an riaghaltas nan tachradh sìon sam bith ann an Alba. Chìthear na deasgaichean a bhiodh aig a h-uile duine a bhiodh ann – Department of Transport, Treasury, Social Security and Employment Department. Bhiodh iad uileadh ag obair tha mi a’ creidsinn a-bhos an seo gu sàbhailte nam biodh rudeigin air tachairt agus a’ cumail sùil air dè na bha a’ dol.

[Ramsay] Tha e dìreach air leth, mar a tha iad a’ cur thairis, gu bheil an rèidio aca a’ dol le mar sia prògraman a bhiodh a’ dol aig an àm sin. Prògram naidheachdan, agus bha iad a’ dèanamh hot desking ach le leapannan `ch bhiodh dithis anns a h-uile leabaidh agus bhiodh iad an uair sin ag atharrachadh le na shifts a bh’ aca ri obair. Dìreach iongantach, bunk beds.

[Ramsay] Tha e cho follaiseach gun robh an t-eagal orra gun robh tubaist a’ dol a thachairt ann an Breatainn leis na th’ aca a-bhos an seo. Cha chreideadh tu gu bràth na th’ aca de dh’uidheamachd agus de rudan a chumadh sàbhailte ar dùthaich nan tachradh sìon. ‘S dh’fhaodainnsa an latha a chur seachad an seo.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!