FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Donna’s chocolate custard creams Na h-Uighean uachdair teòclaid aig Donna

Video with transcription, translation and vocabulary from the programme ‘Fuine’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram Fuine

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Na h-Uighean uachdair teòclaid aig Donna

[Griogair] Tha e an-còmhnaidh math mo charaid Donna fhaicinn. Faodaidh mi bhith cinnteach gum bi rud blasta air choreigin aicese san amharc. Donna, dè seòrsa reasabaidh a tha thu dèanamh dhomh an-diugh?

[Donna] Uill tha sin a’ dol a dhèanamh briosgaidean an-diugh. Tha iad rud beag coltach ri custard creams ach tha iad diofraichte a-rithist.

[Griogair] Agus ciamar a tha sin?

[Donna] Tha gu bheil sinn e a’ cur chocolate orra. Right, min-flùr againn an toiseach, agus tha, dè na th’ againn ann? Sia unnsaichean. ’S dè na tha sin ann an gramaichean?

[Griogair] Och, a bheil seo a’ tachairt a-rithist?

[Donna] Tha.

[Griogair] Dè na tha sin?

[Donna] Ceud seachdad ’s a còig.

[Griogair] Ceud seachdad ’s a còig, glè mhath, gramaichean. ’S e. So, sia unnsaichean, ceud seachdad ’s a còig grama.

[Donna] Plain flour.

[Griogair] De hlùr plain. Glè mhath.

[Donna] Dhan a’ bhobhla.

[Griogair] Agus, còmhla ris am flùr?

[Donna] Còmhla ris a’ flùr tha sinn a’ dol a chur dà unns’ de custard powder agus an aon rud de icing sugar. Okay.

[Griogar] Dà unns’ a-rithist.

[Donna] Dà unns’. Is dè thuirt mi a bha sin ann an gramaichean?

[Griogair] Leth-cheud ’s a còig.

[Donna] O! Tha thu a’ dèanamh math.

[Griogair] A bheil sin ceart?

[Donna] Tha thu a’ dèanamh math. Tha sinn an uair sin a’ cur sia unnsaichean de margarine. So bidh sinn a’ mix-eadh a seo. Gun tig a h-uile càil ri chèile mar balla mòr.

[Griogair] Glè mhath. ‘S a bheil sin caran bog?

[Donna] Tha e beagan bog, tha. So tha thu a’ toirt rud beag dhan an spàin, timcheall air làn spàin agus cuir rud beag flùir air do làmhan agus tha thu ga rolaigeadh.

[Griogair] Balla beag.

[Donna] Dìreach balla beag, chan eil thu ga pronnadh idir.

[Griogair] Agus Gu cùramach. So cho mòr sin?

[Donna] Seadh, mun a’ mheud sin. Feuch!

[Griogair] Mun a’ mheud sin. Okay.

[Donna] Feuch air.

[Griogar] Mar sin?

[Donna] Uh-huh.

[Griogair] Glè mhath. Ò, feumaidh mi flùr a chur air…

[Donna] Feumaidh tu rud beag flùir air do làmhan. Stigidh e ri do làmhan mura dèan thu sin. Ma tha do làmhan ro bhlàth, tha thu gu math duilich.

[Griogair] Dè cho fada bho chèile ’s a tha thu ga iarraidh?

[Donna] Mar sin fhèin.

[Griogair] Cia mheud a gheibh sinn a-mach à seo?

[Donna] Gheibh sinn timcheall air fichead. Mar as trice bidh mi a’ faighinn fichead sa ceithir. Right, tha sinn a-nis a’ dol a dhèanamh làrach. Dìreach gan pronnadh rud beag air a h-uile fear.

[Griogair] Ò glè mhath.

[Donna] Air a h-uile fear. Bidh thu a’ cur rud beag flùir air a’ forc agus bidh e nas fhasa.

[Griogair] ’S e tha sin a tha a’ cuideachadh. Tha e iongantach fèir, ’s e fèir forc a tha sin agus tha iad a’ coimhead cho math.

[Donna] Nach eil? Agus tha sin a dèanamh diofar.

[Griogair] Agus tha mi a’ creidsinn a-nis gu bheil sin deiseil airson an àmhainn. Dè cho fada?

[Donna] Aig an teas 170 no 180 agus gas mark four or five airson fichead mionaid.

[Griogair] Glè mhath. A-steach leotha a-rithist.

[Donna] A-steach leotha.

[Griogair] Nise, fhad ’s a tha na briosgaidean anns an àmhainn, dè tha thu ag ullachadh?

[Donna] Tha sinn a’ dol a dhèanamh butter cream icing airson a cur eadar na briosgaidean. Agus tha sinn a’ dol a dhèanamh fear seo le chocolate na measg.

[Griogair] Glè mhath.

[Donna] So, tha againn ceud grama de dh’ìm – chan e margarine ach ìm.

[Griogair] Ìm ceart.

[Donna] Ìm ceart mar a chanas sinn. Agus ceud agus ochdad ’s a còig gram de icing sugar agus còig deug gram de cocoa powder. ’S tha sinn a’ dol a chur a h-uile càil sin am measg a chèile agus rud beag vanilla essence.

[Griogair] Dè na chanadh tu? De vanilla?

[Donna] Làn spàin beag.

[Griogair] Glè mhath, agus am bi a h-uile càil fèir a’ dol steach còmhla?

[Donna] A h-uile càil còmhla.

[Donna] So cuiridh sinn seo air ‘s tha an rud seo a’ dol a dhèanamh rud beag fuaim.

[Griogair] ‘S iad… a’ coimhead math, nach eil?

[Donna] Tha iad a’ coimhead glè mhath even mar sin fhèin.

[Griogair] Dè an fheadhainn a rinn mise a-nis?

[Donna] Emmm fuirich gum faic mi, creids’ gur e am fear ud – am fear truagh a tha sin. ’S tha fear truagh eile ann a shin.

[Griogair] Och uill, bha mi an dùil.

[Donna] Nì mi aon, so am faic thu dè tha mi a’ dèanamh.

[Griogair] ‘S a bheil mise a’ dèanamh a’ chòrr?

[Donna] Tha thusa a’ dèanamh a’ chòrr. Tha, a h-uile gin eile.

[Griogair] Bidh mi ann fad an latha.

[Donna] A bheil do làmhan glan a-nis mus tòisich sinn?

[Griogair] Tha iad glan. ‘S e mi fhìn a rinn na soithichean.

[Griogair] Donna tha iad seo a’ coimhead math fhèin. Right, tha mi a’ dol a-steach airson pìos.

[Donna] Siuthad ma-thà, feuch e!

[Griogair] Ò tha iad sin math.

[Donna] Ach chan urrainn dhut mòran dhuibh ith’ aig aon àm.

[Griogair] Chan urrainn, tha iad cho mòr.

[Donna] Tha iad, mar a chanas sinn “man-sized”.

[Griogair] Tha iad duilich ri dhèanamh càil nas lugha.

[Donna] Tha, nach eil.

[Griogair] Dh’fhaodadh iad losgadh. Tha iad sin math fhèin. Tapadh leibhse.

[Donna] ‘S e làn dì do bheatha.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!