FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Opportunities and woes with gathering news Cothroman is duilgheadasan le bhith a’ cruinneachadh nan naidheachdan

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘An Là’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Cothroman is duilgheadasan le bhith a’ cruinneachadh nan naidheachdan

[Karen Elder] Niste, ‘s iomadh rud a dh’atharraich bho nochd an Coròna-bhìoras an toiseach – mar a tha sinne mar luchd-naidheachd a’ cruinneachadh agus ag aithris nan naidheachdan nam measg. ‘S ann air am fòn air an no tro rudan an leithid Zoom a thèid a’ chuid as motha dha na h-agallamhan a bhios sinne a’ dèanamh a-niste air an cumail. Ach tha lagachadh air tighinn air bacaidhean a’ Choròna-bhìoras, saoil an atharraich na dòighean-obraich againn uair eile. Tha an aithris-sa aig Nicole Weber.

[Nicole Weber] Nuair a thòisich mise an obair seo, fhuair mi trèanadh air camarathan agus a bhith a’ dèanamh agallamhan mar seo, a’ coinneachadh ri daoine leis a’ chamara agam agus a’ clàradh agallamhan le microphone. Ach an uair sin thòisich am pandemic agus le bacaidhean-siubhail agus casg air a bhith a’ tadhal air dachaighean dhaoine, bha latha a’ chamara gu ìre mhòr seachad.

[Nicole Weber] ‘S ann mar sin a fhuair Calum Macleòid eòlas air an obair.

[Calum Macleòid] Tha e doirbh ceangal a dhèanamh thairis air Zoom san aon dòigh nam biodh tu an làthair, còmhla ri cuideigin, ach cuideachd tha e a’ toirt cothroman dhut. Tha mi air agallamhan Zoom a dhèanamh còmhla ri daoine anns na Stàitean, ann an Astràilia, ann an Canada, air feadh an t-saoghail, agus cha b’ urrainn dhomh sin a dhèanamh.

[Nicole Weber] Tron a’ phandemic, tha an dòigh anns a bheil sinn air a bhith a’ cruinneachadh nan naidheachdan air a bhith gu tur eadar-dhealaichte. Ach cha b’ e seo a’ chiad turas a thug innealan agus teicneòlas buaidh air na naidheachdan.

[Pàdraig MacAmhlaigh] Tha teicneòlas air cruth atharrachadh a thoirt air an dòigh 's a tha seirbheis naidheachd ag obrachadh. An-diugh tha e, mar a tha mi fhìn ’s tu fhèin a’ bruidhinn an-dràsta, tha sinn a’ bruidhinn bho na dachaighean againn agus cha bhiodh sin comasach nuair a thòisich mise bho chionn dà fhichead bliadhna ’s a chòrr. Dh’fheumadh tu a bhith a-staigh ann an stiùideo airson a bhith a dhol an sàs ann an obair telebhisean no gu dearbh airson a dhol an sàs ann an obair rèidio. Ach an-diugh tha a h-uile càil, tha fònaichean-làimhe, faodaidh tu sin a chleachdadh airson craoladh den a h-uile seòrsa. Agus sin an t-atharrachadh as motha sin a th’ aig teicneòlas.

[Nicole Weber] Airson cuid eile a tha ag obair sna meadhanan, tha an obair air a bhith nas duilghe, gu h-àraidh nuair a tha iad a’ bruidhinn ri daoine mu rudan pearsanta.

[Mìcheal Iain Bochanan] Ma choinnicheas tu ri cuideigin, faodaidh tu bruidhinn riutha tòrr mòr nas pearsanta agus faodaidh tu, ’s e còmhradh ceart a th’ agad agus chan urrainn dhut, anns a’ mhòr chuid de dh’eisimpleirean co-dhiù, chan urrainn dhut sin a dhèanamh cho math air Zoom no air coimpiutairean. So sin pàirt de na duilgheadasan tha mise a’ mothachadh co-dhiù.

[Nicole Weber] Is e beachd an luchd-amharc as cudromaiche ge-tà agus chan eil an saoghal ùr air còrdadh ri cuid dhiubh sin.

[Natalie Chamshron] Chan eil mi a’ smaointinn gu bheil iad cho math ri dìreach a bhith a’ bruidhinn aghaidh ri aghaidh so tha thu a’ tuigsinn carson a tha iad ga dhèanamh agus tha sin ceart gu leòr is tha mi toilichte gu bheil iad fhathast ann ach chan eil mi a’ smaointinn gu bheil iad cho math ’s a ’s urrainn dhaibh a bhith.

[Nicole Weber] Tha i a’ coimhead air adhart ri lagachadh anns na riaghailtean, a’ leigeas le luchd-naidheachd barrachd farsaingeachd de naidheachdan a dhèanamh a-rithist. Ach is iongantach mura bi Zoom fhathast mar phàirt de shaoghal nan naidheachdan fiù ’s nuair nach bi guth air Covid tuilleadh. Nicole Weber, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!