FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new Gaelic high school in Edinburgh? Àrd-sgoil Ghàidhlig ùr ann an Dùn Èideann?

A video with a transcription, translation and vocabulary from the programme ‘An Là’ Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Là

(Originally added to Watch Gaelic in 2021.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2021.)

Video is playing in pop-over.

Àrd-sgoil Ghàidhlig ùr ann an Dùn Èideann?

Karen Elder] Thèid coinneamh shònraichte de chomataidh an fhoghlaim aig Comhairle Baile Dhùn Èideann a chumail an t-seachdain sa gus beachdachadh air foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile. Tha aca ri co-chomhairleachadh a chumail mu na planaichean a th’ aca ach chaidh dàil a chur air na cho-dhùnaidhean a thaobh seo o thàinig molaidhean an SNP anns a’ mhanifesto acasan a dh’fhoillsich iad bhon taghadh. Leis an tuilleadh, seo Annabel NicIlleathain.

[Annabel NicIlleathain] Bho chionn beagan is dà bhliadhna, thòisich Comhairle Baile Dhùn Èideann a’ coimhead air àrd-sgoil Ghàidhlig ùr a stèidheachadh agus Àrd-Sgoil Sheumais Gilleasbuig aig an ìre 's gu bheil i làn.

[Annabel NicIlleathain] Bha iad a’ coimhead air ceithir làraich agus ‘s e Liberton a b’ fheàrr leotha. Ach tha pàrantan mì-chinnteach leis gu bheil Liberton pìos bho Bhun-Sgoil Taobh na Pàirce, an aon bhun-sgoil Ghàidhlig sa bhaile, agus seach gum bhiodh àrd-sgoil Beurla air an làraich cuideachd. Bhathas còir a thighinn gu co-dhùnadh mu cho-chomhairleachadh mu na planaichean, ach ‘s ann a thàinig clach às an adhar ann an cruth manifesto an SNP agus iadsan a’ moladh àrd-sgoil Ghàidhlig fa leth a' stèidheachadh ann am meadhan a’ bhaile.

[Seumas Eglinton] Nuair a chuala sinn an rud a bha an manifesto ag ràdh, bha sinn gu math toilichte chanainns' agus dòchasach dìreach airson gu bheil sin tòrr nach coltaiche ri na beachdan againn fhìn mu dheidhinn an rud a bhiodh às fheàrr airson leasachadh na Ghàidhlig ann an Dùn Èideann agus airson a’ chlann againn fhìn. Tha fios againn gum bi iad a’ dèanamh adhartas nas fheàrr leis a’ chànan ann an sgoil far a bheil a h-uile càil a’ tachairt tro mheadhan na Gàidhlig agus tha fios againn cuideachd nach bhiodh sin cho furasta ma bha iad a’ cleachdadh an aon làrach ri àrd-sgoil tro mheadhan a' Bheurla.

[Annabel NicIlleathain] Tha an comhairle fhathast ag amas air Liberton, ach feumar faighinn a-mach ’eil na planaichean seo a’ freagairt air planaichean ro-innleachdail an Riaghaltas, rud nach eil air a bhith comasach fhathast. Le Bun-sgoil Taobh na Pàirce làn cuideachd, tha an comhairle an dòchas dà ionad Gàidhlig ùr aig ìre bun-sgoil fhosgladh san Lùnastal dà mhìle fichead 's a dhà. Tha cuid a bha a’ strì airson foghlam Gàidhlig ann an Dùn Èideann dòchasach mun àm ri teachd agus tha iad a' faireachdainn gu bheil Comhairle a’ bhaile a-nist nas taiceil na bha iad uaireigin.

[An t-Oll Wilson MacLeòid] Nuair a chunnaic sinn a, fàs anns a’ bhun-sgoil gu ruige seo, anabarrach làidir, tarraing tòrr dhaoine a dh'ionnsaich a’ chànan, ann an Glaschu ,tha trì bun-sgoiltean ann, tha iad a’ bruidhinn air ceithir. Tha mi cinnteach gum bi na h-àireamhan a' fàs gu mòr, mòr ann an Dùn Èideann, tha na cothroman ann agus san t-seagh sin tha mi dòchasach. Agus feumaidh sinn na cothroman a ghabhail agus togail is ath-thogail is mar sin air adhart. An cunnart a th’ ann ma tha an co-dhùnadh ceàrr a thaobh an àrd-sgoil, a’ sàrachadh dhaoine, a’ cur dhaoine dheth, daoine a’ gluasad air falbh bhon a’ chànan, tha sinn dol a chall an momentum a tha siud.

[Annabel NicIlleathain] Coinnichidh comataidh an fhoghlaim Dihaoine sa tighinn. Annabel NicIlleathain, BBC An Là.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!