FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Shelter for the sheep Fasgadh dha na caoraich

Video, Gaelic transcription, English translation and vocabulary from the programme An Lot. Bhidio le tar-sgrìobhadh, eadar-theangachadh is briathrachas bhon phrògram An Lot

(Originally added to Watch Gaelic in 2016.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2016.)

Video is playing in pop-over.

Fasgadh dha na caoraich

[Sweeny] Dhachaigh a-nis airson pròiseact bheag air an tug mi iomradh mar-thà – a’ cur air dòigh fasgadh airson nan caorach.

[Sweeny] Nuair a chì mise cothrom rudeigin a chleachdadh às ùr tha mi a’ smaoineachadh air dòighean sin a dhèanamh. Tha mo nàbaidh, James, gam chuideachadh an-diugh leis an tractor mòr aige na taidhrichean a tha seo a ghluasad dhachaigh. Bhiodh na taidhrichean air an tilgeil às mar sgudail ach tha iad a-nis a’ dol a thoirt fasgadh dha na caoraich agamsa. Tha sin a’ sàbhaladh dhòmhsa fasgadh a thogail dhaibh agus tha seo cuideachd a’ sàbhaladh cìs-sguadail dhan comhairle. Tha a h-uile duine a’ buannachadh.

[Sweeny] Tha mu ’s dòcha timcheall air ceud no ceud gu leth taidhir às gach bèile agus tha trì-cairteal de thunna de chuideam anns a h-uile fear so chan eil iad siud a’ dol a ghluasad nuair a bhios gèile ann.

[Sweeny] Cha robh dòigh sam bith eile agamsa air rudan cho trom ri seo a ghluasad agus so tha sinn a’ cur sia dhan trailer gach turas agus a’ dol a-steach leotha gu na pàirtean eadar-dhealaichte dhen lot far a bheil mi a’ cur fasgadh.

[Sweeny] Ged a tha talamh math agams’ ann an seo, chan eil tòrr fasgaidh ann bhon ghaoith làidir a bhios a’ tighinn a-steach bhon Chuan Siar. Gheibh mi grèim air James a-rithist uaireigin son an cur ann an àite freagarrach airson fasgadh mus tig an geamhradh.

[Iain] Tha na tyres aige a-steach ann an sin agus tha e uabhasach math gum bi e a’ fasgadh ann an sin. Faodaidh na caoraich a dhol taobh sam bith dhe na tyres agus tha fasgadh math ann dhaibh.

Chaidh am prògram seo, An Lot, a chraoladh an toiseach ann an 2015. Le taing do MacTV.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!