FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A new girl is going to Bermuda Tha tè ùr a' dol gu Bermuda

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Tha tè ùr a' dol gu Bermuda

[Gilleasbuig MacDhòmhnaill – Preseantair Spòrs] Chan eil ach beagan sheachdainean a-nis gus an tòisich Geamannan Eileanan na Cruinne. Airson grunn bhliadhnaichean, tha lùth-chleasaichean às na h-Eileanan an Iar air a bhith a’ dol ann. Am-bliadhna, tha ainm ùr no dhà air a bhith a’ dèanamh air Bermuda, far am bi geamannan na bliadhna-sa. Fhuair Alasdair Friseal facal air òg à Leòdhas a tha gu bhith a’ ruith anns na geamannan airson a’ chiad uair.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Seisean-trèanaidh eile aig an ionad spòrs ann an Steòrnabhagh, tha lùth-chleasaichean bho na h-eileanan an-dràsta a’ dèanamh deiseil airson pàirt a ghabhail ann an Geamannan Eileanan na Cruinne, cuid dhiubh, leithid Jenny Nic an t-Sagairt airson a’ chiad uair.

[Jenny Nic an t-Sagairt] Bidh sinn a’ dèanamh warm up còmhla ri chèile ‘s an uair sin a’ dèanamh starts uaireannan air na blocks againne is fhuair sinn blocks ùr, ‘s tha sinn taingeil airson sin, agus bidh sinn a’ dèanamh sprints agus diofar sprints ‘s dòcha cheud no aon ceud, ach tha sinn gan cumail goirid an-dràsta dìreach airson speed.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Tha a h-athair, Seumas, tric ri fhaicinn aig na seiseanan-trèanaidh, agus tha e a’ dèanamh moladh mòr air na goireasan a tha ri fhaotainn dha na lùth-chleasaichean òga.

[Seumas Mac an t-Sagairt] Tha goireas sgoinneil againne an seo fhèin, tha coaches na lùib gu saor-thoileach. Tha Jim air a bhith ga coidseadh, mar gum biodh, bhon a bha i dusan bliadhna a dh’ aois – trì-deug. Tha esan gu bhith air falbh cuideachd.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Ach, tha astar mòr ann eadar Leòdhas agus Bermuda. Ciamar ma tha a tha Jenny gu bhith dèiligeadh ri àrainneachd agus aimsir gu tùr eadar-dhealaichte?

[Jenny Nic an t-Sagairt] Chan eil mi idir air a dhol air falbh cho fàd’ ri sin gu co-fharpais, dìreach sìos gu Glaschu, còmhla ris a’ chlub, ach bidh seo uabhasach eadar-dhealaichte bho na rudan a tha mi air a dhèanamh ron a seo, ach bidh e math. ‘S dòcha gu bheil Bermuda deiseil airson sinne ach chan eil mi an dùil gu bheil mi deiseil fhathast. Bidh feum agam faighinn cleachdte ris an aimsir, ‘s tha mi a’ smaointinn gum bi sinn a’ dol air falbh ron rud, bidh sin math, son faighinn cleachdte ris an aimsir dhiofraichte is rudan mar sin.

[Alasdair Friseal – Neach-aithris] Uallach mòr a th’ ann fhathast do phàrant sam bith.

[Seumas Mac an t-Sagairt] Tha i sia-deug bliadhna a dh’ aois, ’s tha i air falbh leatha fhèin, ach tha fhios agad gu bheil Jim, an coidse aice, gu bhith ann. Tha Will a’ falbh. Tha Murdo Ailig, tha tòrr bhon a’ chlub fhèin air falbh. Leis an sin fhèin, tha mòran gu bhith air falbh leatha, tha Màiri Levack à Uibhist fhèin gu bhith ann. Tha fhios agad gum bi daoine ann a sheallas às a dèidh fhèin, ach air an laimh eile tha ise nis na nighean òg mar gum biodh, na h-inbheach òg agus tha e annasach smaointinn gu bheil i a’ dol air falbh cho fada ri sin.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!