FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A decrease in the number of newspapers Lùghdachadh eile air an uimhir de phàipearan

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Lùghdachadh eile air an uimhir de phàipearan

[Alasdair Friseil - Preseantair] Nis’, Thàinig lùghdachadh eile air an uimhir de phàipearan-naidheachd a tha gan reic ann an Alba. Agus na h-àireamhan airson a’ chiad sia mìosan dhen bhliadhna ga fhoillseachadh. Tha a’ ghnìomhachas a’ cumail a-mach nach eil cùisean buileach cho dona ri sin ged-tà, oir mar a tha Iain MacAonghais a-nis ag aithris tha mòran a bharrachd dhaoine a-nis a’ leughadh nam pàipearan-naidheachd air-loidhne.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Airson linntean, tha iad air a bhith a’ toirt dhuinn na naidheachdan as ùire bho gach ceàrn. Cinn-naidheachd an t-saoghail ann an dubh agus geal agus dathan anns an latha a th’ ann.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Ach chan eil teagamh gu bheil saoghal nam pàipearan-naidheachd ag atharrachadh le nas lugha de dhaoine air am fàgail le meuran car salach bho naidheachdan na maidne. Tha gu leòr a’ gluasad chun an eadar-lìn le tablets, le fònaichean-làimhe agus a leithid airson an cuid naidheachdan fhaighinn.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Sin aon de na prìomh adhbharan a th’ air cùlaibh figearan an latha an-diugh ri sheall anns a’ chiad leth dhen bhliadhna gun deach àireamh luchd-leughaidh an Scotsman sìos seachd-deug às a’ cheud, sin an coimeas ris a’ chiad leth dhen bhliadhna an-uiridh. Thuit àireamh luchd-leughaidh a’ Phress and Journal nas lugha na còig às a’ cheud agus Pàipear Beag an Eilean Sgitheanaich an aon ìre.

[Iain X Maciver] Uill, airson nam pàipearan mòra nàiseanta, ‘s e an dùbhlan, tha mise a’ smaoineachadh, a th’ aca ‘s e mar a bheir iad air na daoine a tha airson leughadh thar nam pàipearan aca air-loidhne pàigheadh air a shon. Bidh a h-uile duin’ aca, faodadh tu a bhith cinnteach anns an àm a tha ri tighinn, bidh iad a’ coimhead ri dòigh air choreigin airson airgead fhaighinn, airson gu faic thu, ‘s dòch’, càil sam bith a bharrachd, a bharrachd air, can, naidheachd.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Tha gach pàipear ged-tà a’ feuchainn modail eadar-dhealaichte, ach a’ bhuaidh a tha an eadar-lìon a’ toirt air pàipearan-naidheachd ionadail, leithid Am Pàipear a tha stèidhichte ann an Uibhist?

[Iain Stephen Moireasdan] Tha thu a’ strì an aghaidh an eadar-lìn, sin an duilgheadas mòr a tha aig fòghnachdain dha na pàipearan-naidheachd, oir tha naidheachdan a’ nochdadh aca, cho luath ‘s a tha iad a’ tachairt. Tha daoine fhèin a’ cur suas dealbhan, stòiridhean, is mar sineach tha na pàipearan-naidheachd rudeigin air deireadh. Mar sin, tha mi a’ smaoineachadh gur e an dùbhlain as motha ‘s e dòigh fhaighinn air na sgeulachdan as ùire a lorg no innse ann an dòigh diofraichte.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Thàinig na h-àireamhan seo agus Johnstone Press aig a bheil pàipearan-naidheachd leithid Gazette Steòrnabhaigh, innse gun deach còrr air cheud millean not a thoirt far luach na companaidh. Ged a nochd iad prothaid de chòrr is ceithir às a’ cheud, a’ chiad prothaid aca ann an seachd bliadhna.

[Iain MacAonghais – Neach-aithris] Chan eil duine ag ràdh gu bheil nam pàipearan-naidheachd seachad, ach ‘s e dùbhlan a tha mu choinneamh buidhnean-naidheachd, ach sgeulachdan làidir innse ann an dòigh taitneach an chuid anns na pàipearan aca agus air-loidhne agus cosnadh a dhèanamh às. Iain MacAonghais, BBC An Là, ann an Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!