FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The first Gaelic soap opera in 20 years A' chiad siabann Gàidhlig ann am fichead bliadhna

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

A' chiad siabann Gàidhlig ann am fichead bliadhna

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Tha a’ chiad siabann Gàidhlig ann am fichead bliadhna ga fhilmeadh an-dràsta san Eilean Sgitheanach. Thathar a’ dèanamh trì paidhleatan dhen sgeulachd, Bannan, a sgrìobh Chrisella Ros à Leòdhas. Tha dùil ris air BBC ALBA an ath bhliadhna. Tha na riochdaire airson an gnìomhachas dràma telebhisein a stèidheachadh anns an Eilean. An aithris-sa aig Eilidh NicLeòid.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha na cleasaichean ‘s an criutha aig Bannan a-nis anns an dàrna seachdain de chlàradh. Choisinn an stiùiriche cliù mar actair e fhèin ann an River City, gu h-àraidh. Ach ann am fichead bliadhna air beulaibh a’ chamara no air an àrd-ùrlar, cha dh’ fhuair e riamh stiùireadh anns a’ Ghàidhlig.

[Tony Kearney] Ann an dòigh, ‘s e suidheachadh do-chreidsinneach a bha siud. Tha sinn a-nis far a bheil sinn, fhios agad, mhìle ‘s a trì deug agus tha sinn a’ toirt seachad stiùireadh dha na cleasaichean anns a’ Ghàidhlig agus tha a’ bhuil air a’ phrògram, tha a’ bhuil air an t-seòrsa performance a tha sinn a’ faighinn.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chan eil am prìomh charactar, boireannach òg le eachdraidh a’ nochdadh sa phìos seo dhen dràma.

[Debbie NicAoidh] Dh’ fhàg i an eilean ochd bliadhna air ais. Tha sinn a’ faighinn a-mach anns a’ phrògram carson a dh’fhàg i. Ach tha i a-nis a’ tilleadh airson tìodhlacadh agus sin far a bheil sinn a‘ togail an sgeulachd nuair a tha i a’ tighinn far na h-aiseig. ‘S chan eil i air innse dha daoine gu bheil i a’ tilleadh, ach mar a tha na h-eileanan ag obair, tha cuideigin air faighinn a-mach gu bheil i dhachaigh, sin far a bheil sin a’ togail an sgeulachd.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Tha mu dhà fichead neach an-sàs anns an fhilmeadh eadar an luchd-teicnigeach agus na cleasaichean. Cuid aca a’ nochdadh air beulaibh camara airson a’ chiad turas.

[Peigi Wood] Ò, tha e gu tur eadar-dhealaichte, gu tur eadar-dhealaichte. Ma chailleas tu facal ann an seo, uill stadaidh iad is thèid iad air ais, iad a-rithist ‘s a-rithist e gus am faigh thu ceart e. Nuair a tha thu air an àrd-ùrlar, feumaidh e a bhith agad. Feumaidh e a bhith agad. Chan urrainn dhut stad ‘s coimhead air leabhar is tòiseachadh a-rithist.

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Seo am baile far a bheil an dràma a’ tachairt agus tha beachd ann gum faod seo a bhith na chiad cheum ann a bhith stèidheachadh gnìomhachas dràma telebhisein air an tuath, seach a’ bhaile mhòr.

[Chris Young] Anns an t-saoghal Ghàidhlig, tha tòrr dhaoine le tàlant le sgrìobhadh no actadh no a’ stiùireadh agus `s e cothrom a th’ ann an-dràsta dèanamh rudeigin ùr agus inntinneach agus carson nach bi mi a’ dèanamh dràma an seo?

[Eilidh NicLeòid – Neach-aithris] Chì luchd-amhairc an dràma air fad an ath bhliadhna nuair a thèid trì paidhleatan a chraoladh. `S e cho math agus a chòrdas an sgeulachd riuthasan agus a bheil iad airson barrachd dhith fhaicinn a bhrosnachais luchd an airgid. Eilidh NicLeòid, BBC An La, An t-Eilean Sgitheanach.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!