FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A project to raise interest in crofting Pròiseict gus ùidh a thogail ann an croitearachd

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2013.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2013.)

Video is playing in pop-over.

Pròiseict gus ùidh a thogail ann an croitearachd

[Iain MacIlleathain - Preseantair] Thòisich pròiseict ann am Barraigh a tha ag amas air clann is daoine òg a bhrosnachadh gus ùidh a thogail ann an croitearachd. Mairidh a’ phròiseact bhliadhna agus bidh an obair a’ fighe a-steach do churraicealam na sgoile. Gheibh a’ chlann cothrom air bàrr agus beathaichean croit àrach mar phàirt dhen chùrsa. An aithris-sa aig Shona NicDhòmhnaill.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha a’ phròiseact Croitear Òg air a shnìomh a-staigh do churraicealam na sgoile mar dhòigh air ùidh na cloinne ann an croitearachd a thogail aig aois òg.

[Màiri Flòraidh NicNèill] A’ toirt a-staigh sgilean Beurla, Matamataigs, Saidheans agus cuideachd ag obair ann am buidheann ‘s ag obair còmhla ri daoine sa choimhearsnachd cuideachd. Tha e uabhasach math dhaibh.

[Aonghas Brianan MacNèill] Tha cuimhne ‘am fhèin nuair a bha mi òg mar dheugaire. ‘S ann a leugh mi rud mu chaoraich a bha sa leabharlann ùr a fhuair sinn ann an sgoil ùr Bhàgh a' Chaisteil mar a bh’ ann aig an àm a thog ùidh annam-sa airson a bhith a’ coimhead, a bharrachd air an rud a bha timcheall orm, ach thog e ùidh shònraichte ùr annam a bharrachd air an rud ris an robh mi chleachdte on a dh’ fhàs mi suas. Agus tha mi a’ smaointinn nuair a tha daoine a’ faicinn gum faod iadsan, gu bheil iad a’ tuigsinn an rud a th’ ann agus gu bheil rud a ghabhas a chur ris agus an rud a iadsan a chuireas gnothaichean air adhart, gun toir siud dhaibh spionnadh air choreigin. Tha mi a’ smaointinn gu bheil an chuid a’ ruith còmhla.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Tha machair air an taobh an iar, mòinteach air an taobh an ear, ach tha a’ phròiseact seo an dùil map a dhèanamh a sheallas nas mionaidiche gu dìreach an seòrsa ùir a th’ ann am fearann Bharraigh.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] A bharrachd air na dh’ ionnsaicheas iad san sgoil, tha e cudromach ionnsachadh mun obair chruaidh a tha ceangailte ri croitearachd.

[Clair MacAteer Logan] Secondary pupils will be given an allotment. They will have a piece of land where they will grow a crop. Now, because their group is peer-led, they are going to decide what crop they will grow. Now it may be potatoes, it may be barley, it may be wheat, it may be corn, because they are also going to be given the opportunity in actually purchasing an animal, a beast, be it a cow, a sheep, whatever. And they will obviously be responsible for the care of the animal, the husbandry. They’ll look after it, they’ll feed it and at the end of the project, they will then decide what to do with the animal, do they send it to the market? Do they send it to the abattoir? To be slaughtered and then sell the meat. This is what they are going to decide because this is what crofting is about.

[Shona NicDhòmhnaill – Neach-aithris] Mairidh a’ phròiseact bhliadhna agus bidh ùine aig na sgoilearan na co-dhùnaidhean mòra sin a dhèanamh. Shona NicDhòmhnaill, BBC An Là, Barraigh.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!