FaclairDictionary EnglishGàidhlig

The first turf is cut on thefor a children's hospital at Raigmore A’ chiad cheap ga ghearradh airson ionad chloinne ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir

Programme clips from BBC ALBA’s news programme, An Là, with transcription, translation and vocabulary Criomagan bhidio bhon phrògram naidheachd BBC ALBA, An Là, le tar-sgriobhaidh, eadar-theangachaidh is briathrachas

(Originally added to Watch Gaelic in 2014.) (Air a chur ri Coimhead Gàidhlig an toiseach ann an 2014.)

Video is playing in pop-over.

A’ chiad cheap ga ghearradh airson ionad chloinne ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir

[Mairi Rodgers – Preseantair] Nis, o chionn trì bliadhna thòisich NHS na Gàidhealtachd agus an carthannas ‘The Archie Foundation’ air airgead a thogail airson uàrd na cloinne ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir a leasachadh. Thog iad tòrr a bharrachd na bha dùil agus nas luaithe na bha dùil. Tha iad a-nis ag amas air ionad chloinne ùr a thogail ach tha leth mhillean not a dhìth orra fhathast. Chaidh an tè-naidheachd againn Eilean Green a choimhead orra.

[Eilean Green – Neach-aithris] An seo aig Ospadal an Ràthaig Mhòir chaidh a’ chiad cheap a ghearradh an-diugh airson ionad chloinne ùr a thèid fhosgladh anns an Lùnastal an ath-bliadhna. Tha iad air 1.5 millean not a thogail mar-thà ach tha iad feumach air 2 millean not airson crìoch a chur air.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha an ‘Archie Foundation’ agus NHS na Gàidhealtachd air a bhith ag obrachadh còmhla gus an airgead seo a thogail airson na goireasan aca a leasachadh agus a thoirt cruinn còmhla ann an ionad sònraichte airson clann.

[David Cunningham] So we’re able to say to the public, ‘if you support us, then we’ll use that money to make the difference. None of the money given will ever be spent on the things the NHS should be spending their money on, but we’ll work with them to provide a much bigger project and it’s hugely important that we still do that last half a million and that last leg of the race, as it were, will provide some of the really exciting extras. Some of the interior designs, some of the things that will make a real impact on families when they’re visiting.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha iad airson ‘s gum bi an leasachadh seo na bhuannachd airson clann agus an cuid theaghlaichean a tha a’ tighinn bho air feadh na Gàidhealtachd agus nan eilean. Tha iad airson àrainneachd thlachdmhor a chruthachadh dhan fheadhainn òga agus leabannan a chur a thaobh airson nam pàrantan aca.

[Cairistiona Cheannadach] Tha e dìreach do-chreidsinneach am pròiseact tha seo fhaicinn aig an ìre tha seo. Dìreach mìorbhaileach. Chan ann a-mhàin airson clann ann an Siorrachd Inbhir Nis agus mun cuairt a tha seo idir. Aig ìre air choreigin, clann nan eileanan agus na sgìrean sgapte, fad is farsaing ann an roinn na Gàidhealtachd.

[Eilean Green – Neach-aithris] Tha Cairistiona an dòchas am mathan Eàirdsidh a chur gu feum aig Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna-sa ann an Inbhir Nis, ann an oidhirp tuilleadh airgid a thogail dhan Ospadal. Eilean Green, BBC An Là, Inbhir Nis.

 

 


Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!